Ionnsaich mu dheidhinn litreachasan, cànanan agus cultaran an t-saoghail Cheiltich agus Saoghal na Fraingis. Ionnsaich Fraingis gu ìre adhartach agus, mar roghainn, Gàidhlig na h-Alba. A’ gabhail a-steach ionnsachadh thall thairis. Read this page in English Íre: Fo-cheumnachCuspair: CeiltisBliadhna inntrigidh: 2026Prìomh-fhiosrachadhSgoil: Litreachasan, Cànanan is CultaranColaiste: Ealain, Daonnachdan is Saidheansan SòisealtaCòd UCAS: QR51Duais: MA (Urram)Faid: 4 bliadhnaLìbhrigeadh: Làn-ùineÀite sgrùdaidh: Prìomh Àrainn an OilthighMìos tòiseachaidh: An t-Sultain 2026Ionnsachadh thall thairis: RiatanachA bheil barantachadh: Chan EilGrèis-gnìomhachas ann: Chan Eil Làithean fosgailte agus tachartasan Tar-shealladh Mun phrògram ceumaTha an dàimh eadar Alba agus an Fhraing, dà nàisean le freumhan Ceilteach, a’ dol air ais iomadh linn. Bheir am prògram co-urram seo dhut cothrom cùrsaichean a dhèanamh ann an cànanan, litreachasan agus cultaran an t-saoghail Cheiltich agus Fhrangaich, a tha an-diugh a’ gabhail a-steach dùthchannan eile san Roinn Eòrpa, Afraga agus Ameireagaidh.Tha Dùn Èideann, prìomh bhaile na h-Alba, na phrìomh bhaile fèise agus na fhìor dheagh àite gus Ceiltis a dhèanamh cho math ri cànan cruinneil sa cho-theacs chultarach aige. Tha ar n-Oilthigh gun samhail ann an Alba ann a bhith a’ fighe a-steach làn bhliadhna acadaimigeach thall thairis a-steach dhan phrògram urraim ceithir-bliadhna, co-dhiù tha thu a’ cur seachad na bliadhna ag ionnsachadh no ag obair.Bidh na cùrsaichean againn a’ coimhead air cùisean co-aimsireil leithid poileasaidh cànain agus ath-bheothachadh, colonachd agus dì-cholonachd.CeiltisBidh sinn a’ tabhann chùrsaichean ann an cànanan, litreachasan, eachdraidhean agus cultaran an t-saoghail Cheiltich aig gach ìre den phrògram ceithir bliadhna againn.Tha roghainn agad Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh agus comas adhartach a thogail sa chànan. Cuiridh sinn na diofar chlasaichean againn ann am Bliadhna 1 air dòigh gus am bi iad freagarrach airson a h-uile ìre de dh’eòlas air a’ Ghàidhlig agus airson daoine aig nach eil Gàidhlig sam bith.Tha roghainn de shlighean tron phrògram a’ toirt cothrom dhut a bhith a’ leantainn nan cuspairean, linntean agus raointean eòlais ann an Ceiltis anns a bheil ùidh agad. Tha ar n-eòlas farsaing a’ gabhail a-steach raointean bho dhualchas litreachais meadhan-aoiseil ann an Seann Ghaeilge agus Cuimris nam Meadhan Aoisean gu freagairtean co-aimsireil do dh’atharrachaidhean sòisealta, cultarail agus cànanach anns na dùthchannan Ceilteach.FraingisAnn an Dùn Èideann, ionnsaichidh tu an Fhraingis ann an co-theacs nan diofar dhùthchannan, chultaran agus chomainn-sòisealta anns a bheil i ga bruidhinn.Bidh cothrom agad fàs cha mhòr cho fileanta ri cuideigin aig a bheil i bho thùs agus tu cuideachd a’ faighinn foghlam cultarach farsaing anns am bi fastaichean a’ cur luach.Tha cothrom agad cuideachd bunaitean na Basgais ionnsachadh agus ionnsachadh mu dheidhinn cultar nam Basgach. Gus an t-ionnsachadh cànain agad a neartachadh agus a chur ann an co-theacsa, ionnsaichidh tu mu na rudan a leanas ann an saoghal na Fraingis:litreachas agus filmicheaneachdraidh phoilitigeachbeachdan feallsanachailBidh na cùrsaichean againn a’ coimhead air stuthan bho na Meadhan-aoisean chun an 21mh linn. Tha na cùrsaichean a’ gabhail a-steach roghainnean sònraichte ann am prìomh chuspairean leithid sgrùdaidhean dì-cholonachd, gnè agus film, uile air an teagasg le prìomh eòlaichean.Dè cho fada ’s a bheir e gus am prògram ceuma seo a chrìochnachadh’S e prògram 4 bliadhna a tha seo. Bheir seo dhut roghainn agus sùbailteachd nad chuid ionnsachaidh, a’ toirt ùine dhut gus coimhead air diofar roghainnean, faighinn a-mach dè tha a’ còrdadh riut agus gus do sgilean a thogail. ’S iad a’ chiad dà bhliadhna na bliadhnaichean ro-urraim agad. Bidh iad mar dheagh bhunait dhut sna cuspairean agad.A bharrachd air na prìomh chùrsaichean agad, cuiridh tu ris an fhoghlam agad agus ri seata nan sgilean agad le bhith a’ taghadh chùrsaichean roghainneil bho raon de chuspairean. Bheir seo cothrom dhut cur ri do mhothachadh eadar-chultarach ann an raointean eile de na h-ealainean, daonnachdan agus saidheansan sòisealta.’S iad an da bhliadhna mu dheireadh agad na bliadhnaichean urraim agad. Cuiridh tu seachad Bliadhna 3 ann an dùthaich far a bheil an Fhraingis ga bruidhinn, a’ faighinn eòlas beatha air cultar saoghal na Fraingis. Bidh Bliadhna 4 stèidhichte air na cuspairean sònraichte no dòighean-obrach sònraichte ann an Ceiltis is Saoghal na Fraingis anns a bheil ùidh agad. Nì thu obair leasachaidh a bharrachd air na sgilean cànain agus eadar-theangachaidh agad.Mar a tha prògram co-urraim ag obairNì thu an dà chuid Ceiltis agus Fraingis gu ìre ceuma, a bharrachd air a bhith a’ dèanamh chùrsaichean roghainneil ann am Bliadhnaichean 1 agus 2. Tha an dà chuspair stèidhichte ann an Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC). Bidh an teagasg agad a’ tachairt ann an agus faisg air prìomh thogalaichean LLC, ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh.Air do bhliadhna thall thairis, nì thu obair cùrsa airson an dà chuspair agus tu cuideachd a’ cleachdadh do sgilean Fhraingis gach latha.Ann am Bliadhna 4, taghaidh tu cùrsaichean speisealach aig ìre-urraim an dà chuid ann an Ceiltis agus Eòlas Saoghal na Fraingis. Rangachadh a’ phrògraim 3s àite san RA airson Nuadh-chànanan4mh àite san RA anns na h-Ealainean is Daonnachdan Rangan bho QS World Rankings a rèir Cuspair 2024 Sochairean a’ phrògraimNì thu ceum thairis air ceithir bliadhna, a’ toirt dhut roghainnean agus sùbailteachd.Ionnsaich ann am meadhan prìomh bhaile na h-Alba. Feuch diofar chuspairean anns a’ chiad dà bhliadhna agad. Gabh ann an comainn co-cheangailte ris na cuspairean mu bheil thu ag ionnsachadh. Dèan sgrùdadh air leabharlannan agus cruinneachaidhean air leth. Bidh cothrom agad sgrìobhadh cruthachail agus foillseachadh fheuchainn. Riatanasan inntrigidh Leugh mu riatanasan inntrigidh a’ phrògraim seo sa Bheurla Cìsean is maoineachadh Cìsean teagaisgThoir sùil air na cìsean teagaisg airson aon bhliadhna acadaimigeach den phrògram seo.Cìsean teagaisg airson a’ phrògraim seo (ann am Beurla)Cosgaisean a bharrachdCho fad ’s is gum bi siubhal eadar-nàiseanta comasach, cuiridh tu Bliadhna 3 seachad thall thairis. Bidh na cosgaisean agad a rèir far a bheil thu airson a dhol agus dè nì thu. Dh’fhaodte gum bi cìs ann airson cuid de na sgoiltean cànain, ach mar as trice bheir sinn an t-airgead air ais dhut cho fad ’s a chaidh seo aontachadh ro-làimh. Bidh uallach ort airson cosgaisean siubhail co-cheangailte leithid tursan-adhair agus bhìosathan. Àite-còmhnaidh agus cosgaisean bith-beòFeumaidh tu do chosgaisean àite-còmhnaidh agus bith-beò a phàigheadh tron phrògram agad air fad.Tha sinn a’ meas gun cosgadh aon oileanach eadar £920 agus £2,257 air cosgaisean bith-beò gach mìos aig a char as motha, a rèir far a bheil iad a’ fuireach.Tha an tuairmse seo a’ gabhail a-steach:cuid-oidhchebiadhbilean ghoireasansiubhal taobh a-staigh Dhùn Èideanncosgaisean slàinte is sunndFaic fios nas mionaidiche de chosgaisean bith-beò (ann am Beurla)Sgoilearachdan agus maoineachadhFiosrachadh maoineachaidhGheibh thu fiosrachadh mionaideach mun taic ionmhais a tha ri faighinn, stèidhichte air far a bheil thu a’ fuireach, anns an earrainn maoineachaidh againn.Maoineachadh (ann am Beurla) Mion-fhiosrachadh mun phrògram Na bhios tu ag ionnsachadhBliadhna 1CeiltisTaghaidh tu co-dhiù aon de na slighean a leanas tro thaobh Ceilteach do phrògraim:Slighe na GàidhligSlighe sìobhaltachd Cheilteach Ma tha ùidh agad anns an dà shlighe, faodaidh tu co-dhùnadh cùrsaichean a dhèanamh bhon dà chuid. Slighe na GàidhligMa ghabhas tu slighe a’ chànain, bidh an cùrsa a nì thu a rèir na h-ìre de Ghàidhlig a th’ agad mar-thà.Mur a robh eòlas sam bith agad air a’ chànan roimhe, gheibh thu misneachd ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh na Gàidhlig le bhith a’ dèanamh a’ chùrsa Gàidhlig 1A againn.Mas e neach-labhairt adhartach a th’ annad, neartaichidh an cùrsa Gàidhlig 1B againn do chuid eòlais air litreachas na Gàidhlig agus cuiridh e ri do sgilean cànain.Slighe sìobhaltachd CheilteachTha dà chùrsa ann an slighe nan sìobhaltachdan Ceilteach:Sìobhaltachd Cheilteach 1A: Borbairean, Naoimh agus SgoilearanSìobhaltachd Cheilteach 1B: Aintighearnas, Atharrachadh agus Ais-èirigh Còmhla, tha iad a’ feuchainn ri cànanan Ceilteach an àm a dh’fhalbh agus an latha an-diugh - a chur ann an co-theacsa eachdraidheil agus co-aimsireil nas fharsainge.Air na cùrsaichean seo, tòisichidh tu air sgrùdadh air Eòlas Ceiltis anns na meadhan-aoisean agus san latha an-diugh. Tha seo a’ gabhail a-steach beachdachadh air a’ bhuaidh a tha aig Ceilteachas san latha an-diugh air mar a thathar a’ tuigsinn an àm a dh’fhalbh.Tha cothrom ann cuideachd cùrsa ann an sìobhaltachd Cheilteach a dhèanamh còmhla ris a’ chùrsa bhunaiteach ionnsachaidh cànain againn, Bun-eòlas air a’ Ghàidhlig agus a Cultar. FraingisMur eil ach beagan eòlais agad air an Fhraingis, nì thu Fraingis 1a ann am Bliadhna 1. Seo dian-chùrsa cànain a tha cuideachd a’ toirt dhut eòlas mu chultar na Frainge.Ma rinn thu Fraingis às dèidh Nàiseanta 5 (SQA) no GCSE, mar as trice, nì thu Fraingis 1B. A bharrachd air a bhith a’ cur ri do sgilean cànain sgrìobhte agus labhairt, bidh an cùrsa seo a’ coimhead gu dian air litreachas, cultar agus sìobhaltachd Frangach an latha an-diugh. Ionnsaichidh tu mu dhiofar thaobhan de chultar na Frainge tro litreachas, film agus tachartasan sòisealta is poilitigeach cudromach, bhon Dàrna Cogadh chun an 21mh linn. Tha na cuspairean a tha air an còmhdach a' gabhail a-steach:aghaidheachd agus co-obrachadhan Còigeamh Poblachdan Cèitean 1968feimineachdcolonaidheachd agus dì-cholonaidheachdCùrsaichean roghainneilCuiridh tu crìoch air do chuid ionnsachaidh le cùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad.Ma tha thu airson an dà shlighe a dhèanamh ann an Ceiltis, bidh co-dhiù aon de na roghainnean agad air a tharraing bho chùrsaichean an dàrna cuid ann an Ceiltis no Gàidhlig na h-Alba.Tha iad seo a’ gabhail a-steach - ach chan ann a-mhàin - cùrsaichean ann an:Eitn-eòlas na h-AlbaCànanachas, agus saidheansan cànainCànanan agus cultaran EòrpachEòlas ÀiseanachEòlas Ioslamach agus an Ear Mheadhanaichgnìomhachas, eaconamas agus informataigspoilitigs, poileasaidh sòisealta, daonn-eòlas sòisealta agus dàimhean eadar-nàiseantaIs urrainn dhuinn cuideachd a bhith:a’ rannsachadh poilitigs agus Institiudan na Frainge san latha an-diughag ionnsachadh bunaitean na Basgais, na Catalanais no na Duidsis ionnsachadha’ gabhail cùrsa mu chultar agus comann-sòisealta Basgach, a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh mu dhàimh na dùthcha leis an Fhraing agus an Spàinn Bliadhna 2CeiltisFaodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ dèanamh na Gàidhlig, no a bhith a’ dèanamh Litreachasan Ceilteach. Air no, faodaidh tu leantainn ort a’ dèanamh an dà shlighe, gu h-àraidh ma tha thu airson cùrsaichean Ceiltis an latha an-diugh agus meadhan-aoiseil a ghabhail anns na bliadhnaichean urraim agad.Slighe na GàidhligMa rinn thu Gàidhlig 1A ann am Bliadhna 1, gabhaidh tu Gàidhlig 2A. Ma rinn thu Gàidhlig 1B ann am Bliadhna 1, gabhaidh tu Gàidhlig 2B. San dà chùis, cuiridh tu ris na sgilean cànain agad agus ionnsaichidh tu mu structar cànanach. Ionnsaichidh tu barrachd cuideachd mu litreachas agus cultar na Gàidhlig , ag ionnsachadh mu rosg agus bàrdachd.Slighe nan litreachasan Ceilteach Ma ghabhas tu air an t-slighe seo, gheibh thu sealladh farsaing air prìomh ghnèithean litreachais agus theacsaichean bhon t-saoghal Cheilteach. Bidh an dà chùrsa againn a’ coimhead air litreachasan bho dhiofar amannan agus àiteachan, mar a leanas:Gaisgich, Iongnaidhean, Naoimh agus Mòr-sgeulan - a’ gabhail a-steach stuthan Cuimris is Èireannach meadhan-aoiseil.Tha Òrain, Claidheamhan, Reubaltaich agus Ath-bheothachadh a’ toirt sùil air teacsaichean bho Alba na Gàidhlig agus bho Èirinn na Gàidhlig Tràth san Nua-linn agus san latha an-diugh.Tha na teacsaichean air an leughadh ann an eadar-theangachadh Beurla. FraingisBheir thu piseach a bharrachd air do chuid sgilean cànain anns an Fhraingis, a’ gabhail a-steach sgrìobhadh, eadar-theangachadh agus gràmar. Gheibh thu misneachd a bhith a’ bruidhinn ann am Fraingis air measgachadh de chuspairean co-cheangailte ris an Fhraing cho-aimsireil agus saoghal na Fraingis. Nì thu cùrsa ann an litreachas agus cultar Frangach agus saoghal na Fraingis. Bheir an cùrsa seo eòlas dhut mu na h-ùghdaran as cudromaiche aig prìomh amannan ann an eachdraidh litreachais is cultarail na Frainge, bhon 12mh chun na 21mh linn. Ionnsaichidh tu mu obair le sgrìobhadairean leithid Montaigne, Racine, Molière agus Baudelaire, còmhla ri teacsaichean a chaidh a mheas mar iomallach do chultar na Frainge air adhbharan gnè no poilitigs colonaidheach. Cùrsaichean roghainneilMar a thachair ann am Bliadhna 1, nì thu roghainnean de chùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad. Tha na cùrsaichean roghainneil seo a’ gabhail a-steach deagh roghainn de chànanan agus cultaran Eòrpach, a tha a’ coimhead air litreachas, film agus tèatar ann an co-theacsan cuspaireil agus coimeasach.Am measg nan roghainnean cùrsa àbhaisteach tha:Freagairtean cultarail ri Cogadh Imrich, Fògradh, Diaspora Eucoir agus Ceartas ann an Litreachas Gnè agus Cultar Aithris mu bhith a’ Tighinn gu Ìre Sùil thòiseachail air Filmichean Eòrpach Cànan agus Cumhachd Cànanan taobh a-muigh an OilthighBliadhna 3Cuiridh tu seachad Bliadhna 3 thall thairis, a’ doimhneachadh do chuid eòlais air an Fhraingis le bhith ga bruidhinn gach latha agus gad bhogadh fhèin ann an cultar saoghal na Fraingis. Bheir a bhith a’ fuireach thall thairis cuideachd an sealladh, an t-eòlas agus na sgilean nas fharsainge dhut gus gabhail ri cothroman agus dùbhlain beatha às dèidh an oilthigh.Dè cho fada ’s a bhios mi thall thairis? Cuiridh tu seachad 30 seachdain uile gu lèir san Fhraing no ann an dùthaich far a bheilear a’ bruidhinn na Fraingis.Dh’fhaodte gum bi e comasach dhut an ùine agad a cho-roinn eadar dà dhiofar àite. Ma nì thu sin, cuiridh tu co-dhiù ochd seachdainean seachad anns gach àite gus dèanamh cinnteach gum bi an turas agad coileanta. A bharrachd air seo, mar as trice bidh mar a roinneas tu na 30 seachdainean agad an urra ri co-dhiù tha thu ag ionnsachadh, ag obair no a’ cur an dà chuid còmhla. Càite an urrainn dhomh a dhol? Gus an t-ionnsachadh clas agad a chur an sàs san t-saoghal mhòr agus airson cur ris, obraichidh tu no ionnsaichidh tu ann an co-dhiù aon dùthaich far a bheilear a’ bruidhinn na Fraingis.Mar as trice bidh àiteachan iomlaid againn ann an oilthighean com-pàirteach air feadh na Beilge, na h-Eilbheis agus na Frainge.Ma roghnaicheas tu a bhith ag ionnsachadh nuair a tha thu thall thairis, gabhaidh tu clasaichean aig aon no dhà de na h-oilthighean far a bheil cothroman iomlaid againn. Tha seo a’ ciallachadh gun cur thu seachad an dàrna cuid: dà shemeastar aig aon ionad noaon semeastar aig dà dhiofar ionad (ann an àiteachan eadar-dhealaichte)Ma tha thu a’ beachdachadh air obair thall thairis, is e a’ chiad cheum tòiseachadh a bhith a’ smaoineachadh air far a bheil thu airson a dhol. Bidh riatanasan is pròiseasan tagraidh eadar-dhealaichte aig diofar dùthchannan a thaobh bhìosathan agus mar sin, tha e glic faighinn a-mach dè na sgrìobhainnean a bhios a dhìth ort agus a bheil thu ion-roghnach air bhìosa. Nuair a tha thu thall thairis, mar as trice faodaidh tu taghadh a bhith: ag ionnsachadh ann an aon no dhà àite ag obair ann an aon no dà àiteag ionnsachadh ann an aon àite agus ag obair ann an àite eile Tha greis-gnìomhachais thall thairis na dhòigh mhath eile air sealladh eadar-nàiseanta fhaighinn, a bhith a’ togail lìonraidhean proifeasanta agus a bhith ag ullachadh airson do dhreuchd às dèidh an oilthigh. Ma tha thu a’ beachdachadh air obair thall thairis, tha e comasach sin a dhèanamh ann an tè de ghrunn dhùthchannan anns a bheil Fraingis ga bruidhinn. Is e a’ chiad cheum tòiseachadh a bhith a’ smaoineachadh air far a bheil thu airson a dhol. Bidh riatanasan is pròiseasan tagraidh eadar-dhealaichte aig diofar dhùthchannan a thaobh bhìosathan agus mar sin, tha e glic faighinn a-mach dè na sgrìobhainnean a bhios a dhìth ort agus a bheil thu ion-roghnach air bhìosa. Ge b’ e na chuireas tu romhad dèanamh, seo cothrom dhut adhartas a dhèanamh agus a bhith a’ fàs taobh a-muigh Dhùn Èideann. Tha e a’ cur taobh eadar-nàiseanta ri do chuid ionnsachaidh, a’ sealltainn do luchd-fastaidh san àm ri teachd gu bheil thu fosgailte do bheachdan is gnàth-eòlasan ùra. Obair-chùrsa fhad ’s a bhios tu thall thairisBidh sinn ag amas air dèanamh cinnteach gum bi an tìde thall thairis agad cho buannachdail ’s a ghabhas dhan bhliadhna mu dheireadh agad, a bharrachd air a bhith a’ cur ris an ionnsachadh cànain, mothachadh cultarach agus leasachadh sgilean agad. Airson taobh Ceilteach a’ phrògraim agad, bheir neach-stiùiridh ann an Dùn Èideann taic dhut le liosta leughaidh agus sgrìobhaidh tu dà aiste. No ma tha thu ag ionnsachadh ann an oilthigh a tha a’ tabhann chùrsaichean Ceiltis, faodaidh tu roghnachadh na cùrsaichean sin a dhèanamh. A bharrachd air an sin, nì thu cùrsa e-ionnsachaidh ann am Fraingis gus d’ ullachadh airson do chùrsaichean cànain ann am Bliadhna 4. Bidh an cùrsa seo mar phàirt den chomharra agad airson Bliadhna 3, còmhla ri obair-chùrsa sam bith a chuir an t-oilthigh sa bheil thu ag ionnsachadh thall thairis air dòigh (ma tha thu ag ionnsachadh thall thairis). A rèir ’s na tha thu an dùil dèanamh ann am Bliadhna 4, dh’fhaodadh tu cuideachd tòiseachadh a bhith ag ullachadh airson do thràchdas fhad ’s a tha thu thall thairis, le stiùireadh bho neach-stiùiridh an tràchdais agad.A’ cumail ann an conaltradhFhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh no ag obair thall thairis airson creideas, tha thu fhathast nad oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bidh Oifis na Bliadhna Thall Thairis agus an Comhairliche Oileanach agad, a tha le chèile stèidhichte ann an Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC), a’ bruidhinn riut aig amannan cudromach sa Bhliadhna Thall Thairis agad. A bharrachd air sin, tha Co-òrdanaiche na Bliadhna Thall Thairis aig gach cànan airson ceistean acadaimigeach sam bith, a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu deiseil airson na bliadhna mu dheireadh agaibh ann an Dùn Èideann. Dìreach mar àm sam bith eile fhad ’s a tha thu nad oileanach, tha cothrom agad air seirbheisean gu lèir an Oilthigh fhad ’s a bhios thu thall thairis. Bidh seo a’ gabhail a-steach nan seirbheisean a leanas againn:Seirbheis Sunnd nan OileanachComhairleachadh nan OileanachTaic Ciorram agus Ionnsachaidh OileanaichLoidhne-cuideachaidh èiginneach an oilthigh (ri fhaighinn 24 uairean a thìde san latha) Slàinte agus sunnd’S e do shunnd agus do shàbhailteachd thall thairis a’ chiad phrìomhachas againn. Mura bi siubhal eadar-nàiseanta comasach no ma thèid greisean-gnìomhachais a bhriseadh, mar eisimpleir às dèidh comhairle siubhail bho Oifis nan Dùthchannan Cèin, a’ Cho-fhlaitheis is an Leasachaidh (FCDO) san RA, bheir sinn dòighean eile seachad gus na cuspairean agad a dhèanamh. Bheir sinn taic dhut gus na builean ionnsachaidh agad airson Ceiltis is Fraingis a choileanadh agus gus d’ ullachadh airson na bliadhna mu dheireadh agad.Bliadhna 4Togaidh tu sgilean adhartach ann am Fraingis labhairteach agus sgrìobhte. Is iad sin na prìomh chùrsaichean. Taghaidh tu cùrsaichean speisealach aig ìre-urraim an dà chuid ann an Ceiltis agus Fraingis agus nì thu tràchdas no aiste fhada.CeiltisCùrsaichean an latha an diughTha na cùrsaichean seo rim faighinn do dh’oileanaich a rinn Gàidhlig na h-Alba ann am Bliadhnaichean 1 agus 2. Tha iad a’ coimhead air taobhan litreachais, cultarach agus eachdraidheil de dh’Alba is Èirinn na Gàidhlig - mar eisimpleir cànanachas agus sòiseo-chànanachas bho mun bliadhna 1600 chun an latha an-diugh.Ma nì thu cùrsaichean cànain adhartach, ionnsachaidh tu a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh le misneachd ann an Gàidhlig na h-Alba mu ghrunn chuspairean a’ gabhail a-steach cùisean an latha agus cùisean cultarail a’ cleachdadh briathrachas, gràmar agus gnàthasan-cainnte iomchaidh. Cùrsaichean cànain adhartachBheir na cùrsaichean seo dhut eòlas air Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-aoiseil.Tha iad rim faighinn dhan a h-uile oileanach air a’ phrògram agus cuiridh iad ris an eòlas agad air litreachas, eachdraidh is cultar.Fraingis Air a teagasg le eòlaichean san raon aca, tha na cùrsaichean seo a’ gabhail a-steach cuspairean leithid: Autobiography Ficsean eucoir Frangach an latha an-diughFoirmean aithriseach ann an Cultar Frangach agus Saoghal na FraingisA’ coimhead air dearbh-aithne na Beilge tro Litreachas is Film Film air na h-iomaill Taigh-cluiche Frangach agus ar-a-mach Ìomhaighean de Iapan ann am Fraingis agus Cultar Saoghal na Fraingis bhon 19mh chun an 21mh Linn Litreachas agus Film: An dùbhlan a bhith ag atharrachadh Gaoil agus Tùirse anns an Fhraing Tràth san Nua-linn Buidhnean meadhan-aoiseil Strì gus Aithneachadh a choisinn anns an Fhraing san latha an-diugh Simone de Beauvoir An traidisean Dubh Radaigeach ann an Saoghal na Fraingis Cathair-bhaile an latha an-diugh: ParisStructar a' phrògraimBidh na cùrsaichean as urrainn dhut dèanamh eadar-dhealaichte bho bhliadhna gu bliadhna agus dh’fhaodadh iad a bhith eadar-dhealaichte airson na bliadhna inntrigidh agad. Is urrainn dhut faighinn a-mach na cùrsaichean a dh’fhaodadh tu dèanamh le bhith a’ coimhead air an fhiosrachadh cùrsa as ùire airson a’ phrògraim seo. Structar a' phrògraim (2024/25) [anns a' Bheurla]Ionnsachadh thall thairisCuiridh tu seachad Bliadhna 3 thall thairis (co-dhiù 30 seachdain) ag obair no ag ionnsachadh ann an dùthaich far a bheilear a’ bruidhinn na Fraingis.Co-dhiù tha thu ag ionnsachadh no ag obair, seo cothrom dhut adhartas a dhèanamh agus a bhith a’ fàs taobh a-muigh Dhùn Èideann. Tha ar luchd-ceumnachaidh air innse dhuinn dè cho buannachail ’s a bha a’ Bhliadhna Thall Thairis dhan chuid eòlas beatha agus do na sgilean aca san fharsaingeachd. Tha fios againn gu bheil e coltach gum bi tòrr cheistean agad mun bhliadhna thall thairis. Tha sinn air tòrr mion-fhiosrachaidh a thoirt seachad mu càite an urrainn dhut a dhol agus dè as urrainn dhut dèanamh fo ‘Na bhios tu ag ionnsachadh / Bliadhna 3’ gu h-àrd. Gheibh thu barrachd a-mach cuideachd tro Sheirbheis Ionnsaich is Obraich Thall Thairis an Oilthigh. Dè na roghainnean a th’ agam airson a bhith a’ dol thall thairis? [sa Bheurla] Teagasg agus measadhTeagasgTha an t-Oilthigh na àite airson na h-amasan agad fhèin a phlanadh fo stiùireadh sgileil, a bhith ri sgrùdadh neo-eisimeileach agus ann am buidhnean, agus a bhith a’ meòrachadh air do chuid ionnsachaidh tron cheum agad air fad.Tha an dòigh-obrach againn a thaobh ionnsachadh is teagasg gnìomhach, in-ghabhalach agus air a stiùireadh le ceistean, agus mar sin dh’fhaodte gum bi e eadar-dhealaichte bho na dh’fhiosraich thu san sgoil. Cuidichidh e thu gus na sgilean a thogail airson beatha às dèidh an oilthigh, agus stiùiridh sinn thu tro na ceumannan bho aon ìre chun na h-ath ìre.A rèir meud do bhuidheann bliadhna, agus dè na cùrsaichean roghainneil a nì thu, mar as trice bidh na clasaichean agad ann an trì roinnean-seòrsa:òraideanclasaicheanseiminearanA bharrachd air na clasaichean sin, agus gus a’ chuid as motha fhaighinn às na cùrsaichean agad, feumaidh tu leughadh fad is farsaing a dhèanamh.Bidh sinn a’ dèanamh feum mòr de na goireasan claisneachd is lèirsinneach againn, agus thèid do bhrosnachadh cuideachd gus stuthan air-loidhne a chleachdadh.ÒraideanBidh a h-uile oileanach air cùrsa a’ dol gu òraidean, mar as trice aig an aon am. Tha iad air an lìbhrigeadh mar thaisbeanaidhean eadar-ghnìomhach a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach stuthan lèir-chlaisneach.Bidh acadaimigeach sgilean a’ toirt seachad nan òraidean. Tha iad air an dealbhadh gus do stiùireadh tron chùl-fhiosrachadh, ceistean agus deasbadan co-cheangailte ris a’ chuspair mu bheil thu ag ionnsachadh.ClasaicheanTha buidhnean tutorial nas lugha Tha iad cuideachd air an stiùireadh le acadaimigeach, ach an seo tha barrachd cuideam air na tha thu fhèin a’ smaoineachadh mun chuspair. Mar sin, tha clasaichean a’ toirt cothrom dhut bruidhinn agus leudachadh air na dh’ionnsaich thu sna h-òraidean.Ma thaghas tu cùrsaichean a dhèanamh ann an Gàidhlig na h-Alba, bheir clasaichean cànain cothrom dhut na sgilean cànain agad a thoirt air adhart ann an raon de ghnìomhan san t-saoghal dha-rìribh fo stiùir tidsear cànain sgileil.Mar as trice bidh na clasaichean seo a’ gabhail a-steach sgilean leithid leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt – agus iad uile a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh gràmar agus ga chur gu feum.SeiminearanBidh seiminearan a’ measgachadh feartan de dh’òraidean agus de chlasaichean. A-rithist, tha iad air an dealbhadh gus brosnachadh gun gabh thu pàirt gnìomhach ann an ionnsachadh.Air cuid de chùrsaichean, bidh seiminearan agad an àite òraidean, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad (Bliadhnaichean 3 agus 4).MeasadhThèid do mheasadh tro mheasgachadh de dh’obair-chùrsa agus de dheuchainnean.Mar as trice bithear a’ dèanamh obair-cùrsa tron bhliadhna air fad, ach thèid deuchainnean a chumail aig deireadh bloc teagaisg.Tha obair-cùrsa uaireannan ann an diofar chruthan gus cothrom a thoirt dhut diofar sgilean a chleachdadh. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gun tèid iarraidh ort:aiste, lèirmheas, post bloga, pìos beachd no iris ionnsachaidh a sgrìobhadhpìos sgrìobhaidh, film no meadhanan eile a sgrìobhadh, a’ gabhail a-steach tro leughadh dlùthòraid no taisbeanadh goirid a thoirt seachadpod-chraoladh no bhidio a chlàradhpostair no taisbeanadh a dhealbhadh Bidh na deuchainnean a’ gabhail a-steach deuchainnean labhairteach gus na sgilean labhairt agad a dhearbhadh.Ann an Bliadhna 3, is dòcha gun tèid obair cùrsa a mheasadh leis an oilthigh aoigheachd agad.Anns a’ bhliadhna mu dheireadh agad, nì thu tràchdas cuideachd. Taic airson do chuid ionnsachaidhA bharrachd air an luchd-teagaisg agus an luchd-obrach eile a chì thu bho latha gu latha, tha tòrr dhòighean ann air cuideachadh fhaighinn le do chuid ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach tro Institiud Leasachadh Acadaimigeach an Oilthigh (Institute for Academic Development - IAD).Tha sgeamaichean taic co-leithid a’ toirt oileanaich bho dhiofar bhuidhnean bliadhna còmhla gus cuideachadh a thoirt do chàch a chèile le sgilean sgrùdaidh no cuspairean sònraichte. Far am bi thu ag ionnsachadhÀite sgrùdaidhNuair a bhios tu san àrainn, cuiridh tu a’ mhòr-chuid den ùine agad seachad ann am Sgìre Mheadhanach Oilthigh Dhùn Èideann - sa chlas, san leabharlann, no ann am fear den iomadh àite sòisealta is taic aig an Oilthigh. Tha an Sgìre Mheadhanach suidhichte air oir Seann Bhaile eachdraidheil Dhùn Èideann, air a chuairteachadh le tòrr àiteachan uaine. Goireasan acadaimigeachLeabharlannan agus cruinneachaidheanTha na goireasan againn airson Ceiltis is Fraingis air leth math. Sa mhòr-chuid, tha iad gan cumail ann an trì làraichean timcheall air Ceàrnag Sheòrais ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh:Prìomh Leabharlann an Oilthigh agus a Ionad airson Cruinneachaidhean RannsachaidhSgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Leabharlann Clas na Ceiltis aiceTasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Leabharlann Eòlas na h-Alba aiceLorgaidh tu na leanas anns na làraichean seo:còrr is 400,000 leabhar tearcsia cilemeatair de thasglannan agus làmh-sgrìobhainnean33,000 clàraidhean de dh’òrain, de cheòl, de sgeulachdan agus de rannan ann an Scots, Gàidhlig is Beurla, san Tasglann a bharrachd air clàraidhean ann an dualchainntean a tha a-nis air a dhol à bithna mìltean de dh’obraichean ealain, ionnsramaidean ciùil eachdraidheil agus nithean eilena mìltean de dhealbhan-camara agus sgrìobhainnean eachdraidheil nach fhaicear gu tric ann cuideachd, a tha a’ glacadh taobhan sònraichte is làitheil de chultar is dualchas na h-Albalitrichean agus pàipearan co-cheangailte ri Ar-a-mach na Frainge agus poilitigs na Fraingefilmichean, pàipearan naidheachd agus meadhanan eile Am measg prìomh ghioreasan airson na Ceiltis, tha:Cruinneachadh MacGilleMhìcheil-MhicBhàtairCruinneachadh Dhòmhnaill MhicFhionghuinCruinneachadh Dhaibhidh LaingTha mòran de Chruinneachaidhean Sònraichte an Oilthigh ann an cruth didseatach agus rim faighinn air-loidhne bhon Ionad Ghoireasan sàr-mhath againn, sna deuchainn-lannan coimpiutaireachd agus ann an àiteachan obrach sònraichte ann an LLC.Ionadan airson rannsachadh, teagasg agus com-pàirteachadhTro Bhuidheann Rannsachadh Algorithmic na Gàidhlig (GARG), sgioba eadar-nàiseanta a tha a’ rannsachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig, stiùirich sinn cruthachadh a’ chiad shiostam Aithneachaidh Cainnt Fèin-obrachadh san t-saoghal dhan Ghàidhlig.Leugh an t-artaigeal againn air na tha Aithneachadh Cainnt Fèin-obrachail a’ ciallachadh do Ghàidhlig na h-Alba san àm ri teachdBidh sinn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Ghàidhlig nàiseanta, air a bheil an t-Àrd-ollamh Rob Dunbar na Bhall Bùird (2023 gu 2027). Tha Rob cuideachd na bhall air Comataidh nan Eòlaichean air Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan – an t-aon chùmhnant san t-saoghal a tha air a dhealbhadh gus cànanan roinneil is mion-chànanan a dhìon agus a bhrosnachadh agus gus leigeil le luchd-labhairt an cleachdadh an dà chuid ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach.Air a stèidheachadh ann an 1995, tha ar Center de recherches francophones belges a’ brosnachadh teagasg litreachas Fraingis Beilgeach, agus a’ cumail raon de thachartasan do dh’oileanaich agus dhan phoball. Bho 2018, tha an t-Ionad air a bhith ann an com-pàirteachas le Wallonie-Bruxelles International (WBI) gus cultar Fraingis Beilgeach a thoirt gu Iomall Fèis Dhùn Èideann. Tha prìomh phàirt againn cuideachd anns an lìonra Diaspolinks, le bhith a’ toirt còmhla luchd-rannsachaidh aig a bheil ùidh ann an raon Eòlas Diaspora a tha sìor-fhàs, gu sònraichte diasporathan anglophone agus francophone. Tha an lìonra eadar-nàiseanta gun samhail ann a bhith a’ dèanamh coimeas eadar freagairtean nan diofar choimhearsnachdan diasporic do chùisean a thaobh dearbh-aithne, buinteanas agus gluasad ann an co-theacs poileasaidhean in-imrich Bhreatainn, na Frainge agus Chanada. Slighean dreuchdail agus rannsachadh a bharrachd Slighean dreuchdailSgilean is EòlasLe bhith a’ dèanamh cùrsaichean cànain agus cultair gu ìre ceum, tha e a’ sealltainn gu bheil thu math air conaltradh, agus gu bheil thu fosgailte do chultaran eile is do bheachdan ùra - rud anns a bheil fastaichean a’ cur luach mar Chomas Eadar-chultarach.A bharrachd air na sgilean cànain a gheibh thu air a’ phrògram co-urraim seo, agus an tuigse adhartach a gheibh thu air cultaran is comainn-shòisealta eile, tha ceumnachadh le ceum MA ceithrir bliadhna bho Oilthigh Dhùn Èideann a’ nochdadh tapachd, sùbailteachd agus neart inntleachdail aig àrd-ìre.Bidh na sgilean as urrainn dhut a thaisbeanadh do luchd-fastaidh a’ gabhail a-steach:comas air prìomh bhun-bheachdan a thuigsinn, a mhion-sgrùdadh agus a chur an cèilla bhith ag obair air diofar sheòrsaichean phròiseactan le cinn-lathaa bhith ag obair an dà chuid gu neo-eisimeileach agus mar phàirt de bhuidheannCothroman ionadail agus cruinneilMar thoradh air ruigsinneachd eadar-nàiseanta a tha a’ sìor fhàs, tha àireamhan cunbhalach de luchd-labhairt is luchd-amas dealasach ùra aig cànanan, litreachasan agus cultaran Ceilteach. Ann an Alba, tha leasachaidhean mar Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, cruthachadh BBC Alba (an t-seirbheis telebhisean didseatach Gàidhlig), agus leudachadh leantainneach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air iarrtas a thogail airson luchd-labhairt Gàidhlig le deagh fhoghlam agus eòlaichean air cultar Ceilteach. Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann de dhaoine leis na teisteanan gus an lìonadh.Às dèidh dhut ceumnachadh san Fhraingis, bidh làn chomas proifeasanta agad ann an cànan cudromach, a tha air aon de na cànainean as motha a tha ga bruidhinn bruidhinn san t-saoghail.Bidh thu ann an deagh shuidheachadh airson cothroman a shireadh anns na 29 dùthchannan far a bheil an Fhraingis na cànan oifigeil, agus ann an iomadh companaidh agus ionad eadar-nàiseanta far a bheil i na cànan obrach, a’ gabhail a-steach Coimisean na h-Eòrpa.Tha fìor dheagh chothroman obrach airson ceumnaichean cànain anns na raointean a leanas:foghlam, com-pàirteachadh, tagradh is trèanadhnaidheachdan, craoladh agus na meadhananconaltradh, margaidheachd, sanasachd agus dàimhean poblachpoilitigs, obair poileasaidh, dioplòmasaidh, an t-seirbheis chatharra agus laghfoillseachadh, cultar, dualchas agus na h-ealaineaneadar-theangachadh is eadar-mhìneachadhLeugh an agallamh againn le Isla Parker, Oifigear Gàidhlig agus Dàimhean Coimhearsnachd an OilthighBidh na sgilean daonnachd so-ghluasadach agad cuideachd gad chur ann am fìor dheagh shuidheachadh airson roinnean leithid:gnìomhachas, ionmhas agus malairtcur-seachad, turasachd agus siubhalrannsachadh, leasachadh agus luathachadh iomairt Seirbheis DhreuchdanTron ùine còmhla rinn, brosnaichidh sinn thu gus na sgilean cosnaidh agad aithneachadh agus a thoirt air adhart.Tron t-Seirbheis Dhreuchdan an Oilthigh, faodaidh tu na leanas a dhèanamh:faigh comhairle dhreuchdan sònraichte a tha freagarrach airson do chuid ionnsachaidhcoinneamhan aon-ri-aon agus agallamhan obrach mas-fhìor a chur air dòighcothrom fhaighinn air raon de ghoireasan air-loidhnefèilltean dreuchd cuspaireil a fhrithealadh leithid an Fhèis Dhreuchdan Cruthachail is Cultarachfaigh cuideachadh le bhith a’ lorg obair fhad ’s a tha thu ag ionnsachadh agus airson timcheall air dà bhliadhna às dèidh dhut ceumnachadhTha Seirbheis nan Dreuchdan cuideachd na com-pàirtiche ann am Life After LLC, tachartas pannail far am faigh thu brosnachadh bho dhaoine a cheumnaich bho phrògraman ann an litreachsan, cànanan agus cultaran bho chionn ghoirid.Faic làrach-lìn Seirbheis nan Dreuchdan Rannsachadh a bharrachdTha na sgilean rannsachaidh leasaichte a thogas tu air prògram ceithir bliadhna, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad, nan stòras luachmhor ma tha thu airson leantainn air adhart ag ionnsachadh aig ìre iar-cheumnach.Ann an Oilthigh Dhùn Èideann, mar as trice bidh sinn a’ tabhann:program Maighstireachd tro Rannsachadh ann an Ceiltis is Eòlas na h-Alba agus ann am Fraingisprogram Maighstireachd air an teagasg ann an Litreachas Coimeasach, Eadar-mheadhan, agus Eòlas Eadar-theangachaidhTha na prògraman seo nan deagh bhunait airson PhD, ach tha iad a cheart cho luachmhor mar theisteanas fa-leth. Pròifilean cheumnaicheanFaigh brosnachadh bho na seann oileanaich againn ann an litreachasan, cànanan agus cultaran A’ dèanamh tagradh Mar a nithear tagradhFeumaidh tu làn iarrtas a chur a-steach tro UCAS (Seirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean - Universities and Colleges Admissions Service) ron cheann-latha iomchaidh.Stiùireadh mu bhith a’ dèanamh iarrtas tro UCAS (ann am Beurla)Na dh’fheumas tu gus iarrtas a dhèanamhMar phàirt den iarrtas agad, bidh feum agad air:na teisteanasan acadaimigeach agadaithris phearsantafianais air na sgilean Beurla agad (le teisteanasan iomchaidh)reifreansMar a nì sinn taghadhMa tha thu air na feumalachdan inntrigidh againn a choileanadh, no ma thathar an dùil gun coilean thu iad ron cheann-latha iomchaidh, thèid an tagradh agad a chur a-steach dhan phròiseas taghaidh againn.Mar phàirt den phròiseas taghaidh seo, nì sinn lèirmheas air an fhiosrachadh gu lèir a chuireas tu san tagradh UCAS agad nuair a cho-dhùineas sinn cò a thaghas sinn airson a’ phrògraim ceuma seo.Mar a roghnaicheas sinn tagraichean (ann am Beurla)Cuin a bu chòir dhut tagradh a dhèanamhCeann-latha inntrigidh UCAS 2026: 14 Faoilleach 2026 (6:00f GMT)Is e seo an ceann-latha airson a h-uile tagraiche san RA, san AE agus airson a h-uile tagraiche eadar-nàiseanta airson prògraman nach eil ceangailte ri dotaireachd no lèigh-ainmhidhean.Gus faighinn a-mach a bheil àiteachan bàna aig prògraman ceuma às dèidh a’ chinn-latha seo, coimhead airson Oilthigh Dhùn Èideann air làrach-lìn UCAS.Rannsaich ceuman a tha fosgailte air làrach-lìn UCAS (ann am Beurla)Prìomh chinn-latha agus cinn-amannan tagraidh (ann am Beurla)Às dèidh dhut tagradh a dhèanamhÀs dèidh dhut tagradh a dhèanamh airson do phrògram ceuma, tha sinn a’ moladh gun toir thu sùil air an fhiosrachadh a leanas gus do chuideachadh le bhith ag ullachadh airson an oilthigh (ann am Beurla):Mar a chuireas tu na teisteanasan agad a-steachA’ dol gu tachartas do dhaoine a fhuair tairgse airson àite san oilthighA’ faighinn a’ cho-dhùnaidh againnA’ gabhail ris an tairgse agadÀs dèidh dhut gabhail ris an tairgse agadMa tha ciorram ort agus feum agad air barrachd taic aig an oilthighA’ dèanamh iarrtas mar oileanach eadar-nàiseantaMar oileanach eadar-nàiseanta, bidh thu a’ dèanamh iarrtas airson a’ phrògraim ceuma seo tro UCAS. Faigh barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ dèanamh iarrtas tro UCAS (ann am Beurla)Bhìosathan agus in-imrichMura h-eil còir agad a bhith a’ fuireach san RA, bidh agad ri tagradh a dhèanamh airson bhìosa Oileanaich agus sin fhaighinn ro cheann-latha tòiseachaidh do phrògraim ceuma. Faodaidh Seirbheis In-imrich nan Oileanach againn do chuideachadh le pròiseas tagraidh bhìosa nan Oileanach.A’ cur a-steach airson bhìosa (ann am Beurla)Àidseantan ’S e a th’ ann an àidseant foghlaim ach cuideigin a chuidicheas tu leis a’ phròiseas tagraidh mar oileanach eadar-nàiseanta.Bidh sinn ag obair le àidseantan foghlaim air feadh an t-saoghail agus tha liosta againn de dh’oifisean ionadail dham faod thu fios a chur. Faigh fiosrachadh conaltraidh airson àidseant foghlaim (ann am Beurla) Beatha ann an Dùn Èideann Na tha na h-oileanaich againn ag ràdhSaoilidh mi gur e an rud a tha cho sònraichte mu Dhùn Èideann gu bheil uimhir ri dhèanamh ge b’ e dè na rudan anns a bheil ùidh agad! Co-dhiù tha e a’ còrdadh riut a bhith a’ coiseachd, a’ gabhail fois ann an cafaidh, a’ dol a-mach gu sòisealta le caraidean, no rud sam bith eile, cha teirig na roghainnean dhut gu bràth an seo.- Minju Kim, Ceumanaiche LLC (2024)Anns a’ bhliadhna mu dheireadh aice mar oileanach ann an Dùn Èideann, bha Minju na Riochdaire Fo-cheum airson Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran. Còmhla ri Riochdairean Prògraim, tha Riochdairean Fo-cheumnach a’ toirt dhut guth san oilthigh - a’ toirt seachad do bheachdan gus saoghal nan oileanach a leasachadh dhan a h-uile duine. Bidh na dreuchdan aca a’ faighinn taic bho Chomann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA). Àiteachan-còmhnaidhTha sinn a’ gealltainn gun tèid àite-fuirich an Oilthigh a thabhann do gach oileanach fo-cheum singilte ùr bho thaobh a-muigh Dhùn Èideann. Airson a bhith ion-roghnach, feumaidh tu na slatan-tomhais gu lèir a choileanadh agus iarrtas a dhèanamh airson àite-còmhnaidh ro 16 Lùnastal sa bhliadhna sam bi thu a’ tòiseachadh san Oilthigh.Làrach-lìn àiteachan-còmhnaidh an oilthighSlatan-tomhais airson gealltanas àite-fuirichNam b’ fheàrr leat fuireach ann an àite eile, is urrainn dhuinn comhairle a thoirt dhut mu bhith a’ lorg àite-còmhnaidh ann an Dùn Èideann.Fiosrachadh mu àiteachan-còmhnaidh fuirich bho an Ionad Comhairleachaidh Comainn agus clubaicheanTha Comann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA) a’ cumail taic ri còrr is 300 comann is cluba a tha air an stiùireadh le oileanaich, agus bidh e a’ brosnachadh chothroman le carthannasan ionadail tro ionad nan saor-thoileach aige. ’S e an Comunn Ceilteach an comann oileanaich as sine san Oilthigh agus bidh e a’ cur a’ chèilidh bhliadhnail as motha sa bhaile air dòigh.Mar as trice bidh comann-cluiche na Frainge - Les Escogriffes - a' taisbeanadh dealbh-chluich ann am Fraingis gach bliadhna.Tha Les Escogriffes na dhòigh spòrsail gus coinneachadh ri daoine a tha ag ionnsachadh agus a’ bruidhinn na Fraingis, agus tha e na dheagh àite airson a bhith cruthachail. Tha sinn ri dol-a-mach gòrach, bidh sinn a’ dèanamh tèatar agus geamannan improv, agus chan fheum thu a bhith air Fraingis a dhèanamh no a bhith ri cluich roimhe. Faodaidh tu cluich no a bhith ag obair air cùl ghnothaichean ann an riochdachadh, agus a bhith a’ faireachdainn moiteil às na tha thu air coileanadh, a’ dèanamh charaidean ùra air an t-slighe!- Freya, ceumnaiche ann am Fraingis agus Eachdraidh (2024) agus Ceann-suidhe Les Escogriffes nuair a bha i na h-oileanach ann an Dùn Èideann Leugh am post bloga aig Freya mu bhith na ball de Les EscogriffesTha sinn dealasach mu cheòl, litreachas, òrain agus sgeulachdan, agus bidh sinn gu tric a’ cumail thachartasan airson luchd-obrach, oileanaich agus aoighean a bhios a’ tighinn gus bruidhinn, cluich no gus rannsachadh a thaisbeanadh.Ma tha thu dèidheil air sgrìobhadh, tha Babble, an iris air-loidhne againn airson sgrìobhadh cruthachail, na dheagh àite airson a bhith a’ foillseachadh do chuid: rosg bàrdachd dràma neo-fhicsean Thèid Babble fhoillseachadh dà thuras sa bhliadhna agus tha e a’ gabhail a-steach obair sgrìobhte ann an Fraingis agus cànanan Eòrpach eile. Is urrainn dhut a dhol an sàs anns a’ chomataidh deasachaidh, agus mar as trice bidh oidhcheannan bogaidh a’ gabhail a-steach leughaidhean agus cuirmean.Tha Neach-ealain Traidiseanta agus Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas againn, neach-ciùil agus sgrìobhadair a bhios ag obair còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich air diofar phròiseactan agus thaisbeanaidhean. ComainnClubaichean spòrs Cathair-bhaile Dhùn ÈideannTha Dùn Èideann na phrìomh bhaile fèise aig ìre an t-saoghail a tha làn de thaighean-dhealbh, taighean-cluiche, gailearaidhean, leabharlannan agus cruinneachaidhean. Tha na goireasan sa bhaile a tha feumail airson cùrsaichean Ceiltis air leth.Tha mòran chruinneachaidhean nàiseanta suidhichte faisg air sgìre mheadhanach an Oilthigh, ga dhèanamh furasta a dhol ann eadar clasaichean. Am measg nam prìomh àiteachan, tha:Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (aig a bheil fear de na cruinneachaidhean Fraingis as fheàrr san RA)Leabharlann Nàiseanta na h-AlbaTaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-AlbaLeabharlann Bàrdachd na h-AlbaIonad Sgeulachdan na h-AlbaTha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail anns a’ bhaile. Mar eisimpleir, tha buidhnean còmhraidh ann gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta, fèisean do luchd-ciùil, agus fèis bhliadhnail, Seachdain na Gàidhlig.A bharrachd air prìomh fhèisean samhraidh a’ bhaile, bidh Fèis Film Fraingis Dhùn Èideann agus Africa in Motion a’ toirt dhuinn an cinema Fraingis as ùire agus as fheàrr an Dhùn Èideann gach geamhradh. Tha grunn fèisean bìdh ann cuideachd.Faigh barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ fuireach an Dùn Èideann Goireasan eacarsaich, cur-seachad agus taicTaobh a-muigh do chuid ionnsachaidh, tha farsaingeachd de ghoireasan againn airson beatha làitheil, a’ gabhail a-steach:goireasan spòrs is eacarsaich taighean-bìdh is cafaidhean an OilthighIonadan is bùithtean Comann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann seaplaineachd ioma-chreideamh airson gach creideamh, agus do dhaoine aig nach eil creideamh sam bithsgoil-àraich an Oilthigh (stèidhichte ann an àrainn Togalaichean an Rìgh)Taic a thaobh slàinte agus sunndBidh cothrom agad air seirbheisean slàinte is sunnd an-asgaidh fad ’s a bhios tu aig an oilthigh ma tha feum agad orra.Am measg nan seirbheisean taice a tha sinn a’ toirt seachad tha:seirbheis comhairleachaidh nan oileanachionad-slàinte (ionad-dotair)taic ma tha thu a’ fuireach ann an àite-còmhnaidh an Oilthigh cuideachadh agus taic shònraichte ma tha ciorram ort no ma tha feum agad air atharrachaidhean mar thoradh air seoTaic a thaobh slàinte agus sunnd (ann am Beurla) Conaltradh agus tachartasan Cuir fios thugainn Cuir fios thugainn tro sgioba nan ceist againn ma tha ceist sam bith agad mun phrògram seo. Cuir fios thugainn Lean sinn air na meadhanan sòisealtaSgoil nan Litreachasan, Cànanan is CultaranFacebookLinkedInInstagramBluesky Làithean fosgailte, tachartasan agus tursan Faigh a-mach cuin a bhios na h-ath làithean fosgailte againn a’ tachairt. Làithean fosgailte, tachartasan agus tursan Prògraman ceuma co-cheangailte Ceumannan eile ann an Ceiltis:Ceiltis (MA)Ceiltis agus Àrc-eòlas (MA)Ceiltis agus Cànan na Beurla (MA)Ceiltis agus Litreachas na Beurla (MA)Ceiltis agus Cànanachas (MA)Ceiltis agus Eòlas Lochlannach (MA)Ceiltis agus Eachdraidh na h-Alba (MA)Ceiltis agus Litreachas na h-Alba (MA)Dh’fhaodte gum bi ùidh agad cuideachd anns na leanas:Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich) (MA)Lagh agus Ceiltis (LLB) [sa Bheurla]Eitn-eòlas na h-Alba (MA) [sa Bheurla]Eitn-eòlas na h-Alba agus Ceiltis (MA) [sa Bheurla]Litreachas na h-Alba (MA) [sa Bheurla]Eòlas na h-Alba (MA) [sa Bheurla] Read this page in English This article was published on 2025-03-03