Dèan cùrsaichean ann an arc-eòlas còmhla ri cùrsaichean ann an cànanan, litreachasan, eachdraidh agus cultaran an t-saoghail Cheiltich. Ionnsaich Gàidhlig na h-Alba no ionnsaich mu dheidhinn nan cànanan Ceilteach meadhan-aoiseil. Read this page in English Íre: Fo-cheumnachCuspair: CeiltisBliadhna inntrigidh: 2026Prìomh-fhiosrachadhSgoil: Litreachasan, Cànanan is CultaranColaiste: Ealain, Daonnachdan is Saidheansan SòisealtaCòd UCAS: QV54Duais: MA (Urram)Faid: 4 bliadhnaLìbhrigeadh: Làn-ùineÀite sgrùdaidh: Prìomh Àrainn an OilthighMìos tòiseachaidh: An t-Sultain 2026Ionnsachadh thall thairis: Ri fhaighinnA bheil barantachadh: Chan EilGrèis-gnìomhachas ann: Chan Eil Làithean fosgailte agus tachartasan Tar-shealladh Mun phrògram ceumaTha am program co-urraim seo a’ toirt cothrom dhut a bhith ag ionnsachadh mu chànanan, litreachasan agus cultaran Ceilteach cho math ri àrc-eòlas na h-Alba agus an t-saoghail san fharsaingeachd.CeiltisMa nì thu Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ionnsaichidh tu mu chultaran fìor bheartach bho na Meadhan Aoisean chun an 21mh linn.Tha roghainn de shlighean tron phrògram a’ toirt cothrom dhut a bhith a’ leantainn nan cuspairean, linntean agus raointean eòlais ann an Ceiltis anns a bheil ùidh agad. Tha ar n-eòlas a’ gabhail a-steach:Gàidhlig na h-Alba bho dheireadh nam meadhan-aoisean gus an latha an-diugh, a’ gabhail a-steach poileasaidh agus ath-bheothachadh cànaintraidisean litreachais meadhan-aoiseil ann an Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-aoiseiltraidisean làidir a’ bheòil-aithris a chaidh a chlàradh bhon 18mh chun an latha an-diughbàrdachd bho linn òir litreachas na Gàidhlig san 18mh linnfreagairtean san 19mh agus 20mh linn ris na h-atharraichean cultarach agus cànanach luath anns na dùthchannan far a bheilear a’ bruidhinn nan Cànanan Ceilteachna meadhanan a tha a’ tighinn a-mach à saoghal eadar-mheasgte is beòthail an latha an-diugh ann an Alba is Èirinn na Gàidhlig agus anns a’ ChuimrighIonnsachadh cànainMa thaghas tu cùrsaichean ann an Gàidhlig na h-Alba, chan eil gu diofar an e fìor neach-tòiseachaidh a th’ annad sa Ghàidhlig; cuiridh sinn na diofar chlasaichean againn ann am Bliadhna 1 air dòigh gus am bi iad freagarrach airson a h-uile ìre de dh’eòlas air a’ Ghàidhlig agus airson daoine aig nach eil Gàidhlig sam bith.Faodaidh tu cuideachd cànan Ceilteach meadhan-aoiseil ionnsachadh aig ìre urraim (Bliadhna 3 agus 4). Tha an dà chuid Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhanach rim faighinn. Airson na slighe seo, nì thu cùrsaichean air sìobhaltachd agus litreachas Ceilteach ann am Bliadhna 1 agus 2, le teacsaichean gan toirt dhut mar eadar-theangachadh Beurla.Àrc-eòlasBheir an t-ionnsachadh agad air àrc-eòlas air ais ann an tìm thu agus cuidichidh e thu gus farsaingeachd de sgilean co-cheangailte a thogail.Bidh thu a' leasachadh raon de sgilean ann a bhith atharrachadh sòisealta is cultarach a mhìneachadh.Tha am prògram cuideachd a’ toirt cothrom do dh’oileanaich a bhith a’ tuigsinn:na stèidh stuthaich (material basis) aig àrc-eòlasgu bheil nàdar nithean uaireannan connspaideachnan dàimhean sòisealta a tha a’ cuairteachadh nithean agus mu na daoine a tha gan cleachdadh is gam mìneachadhCarson Dùn Èideann?Tha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail ann an Dùn Èideann, prìomh bhaile na h-Alba. Tha na cruinneachaidhean aige air leth math, mar a tha goireasan an Oilthigh fhèin airson cùrsaichean Ceiltis.Tha am prògram againn a’ gabhail a-steach cùrsaichean roghainneil bho raon farsaing de chuspairean, gad thoirt bho eòlas-coitcheann gu eòlas speisealach rè do chuid ionnsachaidh. Nuair a cheumnaicheas tu, bidh measgachadh agad de dh’fhoghlam cultarach farsaing, sgilean so-ghluasadach agus eòlas domhainn anns am bi fastaichean air feadh an t-saoghail a’ cur luach.Dè cho fada ’s a bheir e gus am prògram ceuma seo a chrìochnachadh’S e prògram 4 bliadhna a tha seo. Bheir seo dhut roghainn agus sùbailteachd nad chuid ionnsachaidh, a’ toirt ùine dhut gus coimhead air diofar roghainnean, faighinn a-mach dè tha a’ còrdadh riut agus gus do sgilean a thogail. ’S iad a’ chiad dà bhliadhna na bliadhnaichean ro-urraim agad. Bidh iad mar dheagh bhunait dhut sna cuspairean agad. A bharrachd air na prìomh chùrsaichean agad, cuiridh tu ris an fhoghlam agad agus ri seata nan sgilean agad le bhith a’ taghadh chùrsaichean roghainneil bho raon de chuspairean. Bheir seo cothrom dhut cur ri do mhothachadh eadar-chultarach ann an raointean eile de na h-ealainean, daonnachdan agus saidheansan sòisealta. ’S iad an da bhliadhna mu dheireadh agad na bliadhnaichean urraim agad Nì thu cùrsaichean a rèir cuspairean, amannan no dòighean-obrach anns a bheil ùidh agad. Ma tha thu air roghnachadh Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh, thèid thu air adhart gu ionnsachadh cànain adhartach sna bliadhnaichean seo.Mar a tha prògram co-urraim ag obairNì thu an dà chuid Ceiltis agus Àrc-eòlas gu ìre ceuma, a bharrachd air a bhith a’ dèanamh chùrsaichean roghainneil ann am Bliadhnaichean 1 agus 2. Tha Ceiltis stèidhichte ann an Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Àrc-eòlas ann an Sgoil Eachdraidh, Clasaigeach agus Arc-eòlais (HCA), air an aon àrainn. Bidh an teagasg agad a’ tachairt ann an agus faisg air prìomh thogalaichean LLC agus HCA ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh. Rangachadh a’ phrògraim 3s àite san RA airson Nuadh-chànanan4mh àite san RA anns na h-Ealainean is Daonnachdan Rangan bho QS World Rankings a rèir Cuspair 2024 Sochairean a’ phrògraimNì thu ceum thairis air ceithir bliadhna, a’ toirt dhut roghainnean agus sùbailteachd.Ionnsaich ann am meadhan prìomh bhaile na h-Alba.Feuch diofar chuspairean anns a’ chiad dà bhliadhna agad.Gabh ann an comainn co-cheangailte ris na cuspairean mu bheil thu ag ionnsachadh.Dèan sgrùdadh air leabharlannan agus cruinneachaidhean air leth. Riatanasan inntrigidh Leugh mu riatanasan inntrigidh a’ phrògraim seo sa Bheurla Cìsean is maoineachadh Cìsean teagaisgThoir sùil air na cìsean teagaisg airson aon bhliadhna acadaimigeach den phrògram seo.Cìsean teagaisg airson a’ phrògraim seo (ann am Beurla)Cosgaisean a bharrachdTha sinn an dùil gun dèan thu obair-làraich Àrc-eòlais ann am Bliadhna 1. Mar as trice, tha riatanas ann gun dèan thu trì seachdainean de dh’obair-làraich aig a’ char as lugha. Gu tric, tha cìs ann gus pàirt a ghabhail ann am pròiseactan àrc-eòlais. Is urrainn dhuinn cuideachadh leis na cìsean airson a bhith a’ gabhail pàirt ann an: obair làraich riatanach agad ann am Bliadhna 1obair-làraich agus obair phractaigeach sna bliadhnaichean eile agad ma chuireas e ris a’ phrògram agad Bidh a’ chosgais iomlan dhut airson a bhith a’ gabhail pàirt ann an obair-làraich an crochadh air an t-seòrsa obrach a thaghas tu agus far an dèanar seo. Ann am bliadhnaichean às dèidh seo, faodaidh tu taghadh obair àrc-eòlach phractaigeach a bharrachd a dhèanamh anns na saor-làithean as dèidh bliadhna 2 is 3. Ma bhios tu ag ionnsachadh thall thairis ann am Bliadhna 3, bidh na cosgaisean agad eadar-dhealaichte a rèir dùthcha. Àite-còmhnaidh agus cosgaisean bith-beòFeumaidh tu do chosgaisean àite-còmhnaidh agus bith-beò a phàigheadh tron phrògram agad air fad.Tha sinn a’ meas gun cosgadh aon oileanach eadar £920 agus £2,257 air cosgaisean bith-beò gach mìos aig a char as motha, a rèir far a bheil iad a’ fuireach.Tha an tuairmse seo a’ gabhail a-steach:cuid-oidhchebiadhbilean ghoireasansiubhal taobh a-staigh Dhùn Èideanncosgaisean slàinte is sunndFaic fios nas mionaidiche de chosgaisean bith-beò (ann am Beurla)Sgoilearachdan agus maoineachadhFiosrachadh maoineachaidhGheibh thu fiosrachadh mionaideach mun taic ionmhais a tha ri faighinn, stèidhichte air far a bheil thu a’ fuireach, anns an earrainn maoineachaidh againn.Maoineachadh (ann am Beurla) Mion-fhiosrachadh mun phrògram Na bhios tu ag ionnsachadhBliadhna 1CeiltisTaghaidh tu co-dhiù aon de na slighean a leanas tro thaobh Ceilteach do phrògraim:Slighe na GàidhligSlighe sìobhaltachd Cheilteach Ma tha ùidh agad anns an dà shlighe, faodaidh tu co-dhùnadh cùrsaichean a dhèanamh bhon dà chuid. Slighe na GàidhligMa ghabhas tu slighe a’ chànain, bidh an cùrsa a nì thu a rèir na h-ìre de Ghàidhlig a th’ agad mar-thà.Mur a robh eòlas sam bith agad air a’ chànan roimhe, gheibh thu misneachd ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh na Gàidhlig le bhith a’ dèanamh a’ chùrsa Gàidhlig 1A againn.Mas e neach-labhairt adhartach a th’ annad, neartaichidh an cùrsa Gàidhlig 1B againn do chuid eòlais air litreachas na Gàidhlig agus cuiridh e ri do sgilean cànain.Slighe sìobhaltachd CheilteachTha dà chùrsa ann an slighe nan sìobhaltachdan Ceilteach:Sìobhaltachd Cheilteach 1A: Borbairean, Naoimh agus SgoilearanSìobhaltachd Cheilteach 1B: Aintighearnas, Atharrachadh agus Ais-èirigh Còmhla, tha iad a’ feuchainn ri cànanan Ceilteach an àm a dh’fhalbh agus an latha an-diugh - a chur ann an co-theacsa eachdraidheil agus co-aimsireil nas fharsainge.Air na cùrsaichean seo, tòisichidh tu air sgrùdadh air Eòlas Ceiltis anns na meadhan-aoisean agus san latha an-diugh. Tha seo a’ gabhail a-steach beachdachadh air a’ bhuaidh a tha aig Ceilteachas san latha an-diugh air mar a thathar a’ tuigsinn an àm a dh’fhalbh.Tha cothrom ann cuideachd cùrsa ann an sìobhaltachd Cheilteach a dhèanamh còmhla ris a’ chùrsa bhunaiteach ionnsachaidh cànain againn, Bun-eòlas air a’ Ghàidhlig agus a Cultar. Àrc-eòlasNì thu cùrsa àrc-eòlas 1A agus Àrc-eòlas 1B. Tha na cùrsaichean seo a’ toirt dhut sealladh farsaing air an eachdraidh againn mar dhaoine. Ionnsaichidh tu mu thachartasan ro-chudromach ann an eachdraidh agus ro-eachdraidh dhaonna, a’ coimhead air tachartasan ro-chudromach bho mhean-fhàs nan daoine tùsail bho chionn nam milleanan de bhliadhnaichean, gu fàs an àiteachais agus fàs nan sìobhaltachdan san Roinn Eòrpa, san Èipheit agus san Ear Dhlùth.Bidh Àrc-eòlas 1A agus Àrc-eòlas 1B a’ coimhead air na prìomh dhòighean-obrach a chleachdas àrc-eòlaichean. Tha iad seo a’ gabhail a-steach dòighean gus làraichean a lorg, a sgrùdadh, agus gus nithean a lorgar a chlàradh agus a mhion-rannsachadh.Bheir thu sùil cuideachd air modhan-obrach ùr agus tionnsgalach gus na dòighean-beatha aig daoine san àm a dh’fhalbh ath-chruthachadh, a’ gabhail a-staigh anailis saidheansail air fuigheall bheathaichean is daonna.Cùrsaichean roghainneilCuiridh tu crìoch air do chuid ionnsachaidh le cùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad.Ma tha thu airson an dà shlighe a dhèanamh ann an Ceiltis, bidh co-dhiù aon de na roghainnean agad air a tharraing bho chùrsaichean an dàrna cuid ann an Ceiltis no Gàidhlig na h-Alba. Tha iad seo a’ gabhail a-steach - ach chan ann a-mhàin - cùrsaichean ann an:Eitn-eòlas na h-AlbaCànanachas, agus saidheansan cànainCànanan agus cultaran EòrpachEòlas ÀiseanachEòlas Ioslamach agus an Ear Mheadhanaichgnìomhachas, eaconamas agus informataigspoilitigs, poileasaidh sòisealta, daonn-eòlas sòisealta agus dàimhean eadar-nàiseantaeachdraidh ealain is ailtireachdeachdraidh, clasaigeachd agus arc-eòlasfeallsanachd, diadhaireachd agus laghObair-làraich Bidh agad ri obair-làraich Àrc-eòlais a dhèanamh rè nan làithean-saora fada aig deireadh Bliadhna 1. Bliadhna 2CeiltisFaodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ dèanamh na Gàidhlig, no a bhith a’ dèanamh Litreachasan Ceilteach. Air no, faodaidh tu leantainn ort a’ dèanamh an dà shlighe, gu h-àraidh ma tha thu airson cùrsaichean Ceiltis an latha an-diugh agus meadhan-aoiseil a ghabhail anns na bliadhnaichean urraim agad.Slighe na GàidhligMa rinn thu Gàidhlig 1A ann am Bliadhna 1, gabhaidh tu Gàidhlig 2A. Ma rinn thu Gàidhlig 1B ann am Bliadhna 1, gabhaidh tu Gàidhlig 2B. San dà chùis, cuiridh tu ris na sgilean cànain agad agus ionnsaichidh tu mu structar cànanach. Ionnsaichidh tu barrachd cuideachd mu litreachas agus cultar na Gàidhlig , ag ionnsachadh mu rosg agus bàrdachd.Slighe nan litreachasan Ceilteach Ma ghabhas tu air an t-slighe seo, gheibh thu sealladh farsaing air prìomh ghnèithean litreachais agus theacsaichean bhon t-saoghal Cheilteach. Bidh an dà chùrsa againn a’ coimhead air litreachasan bho dhiofar amannan agus àiteachan, mar a leanas:Gaisgich, Iongnaidhean, Naoimh agus Mòr-sgeulan - a’ gabhail a-steach stuthan Cuimris is Èireannach meadhan-aoiseil.Tha Òrain, Claidheamhan, Reubaltaich agus Ath-bheothachadh a’ toirt sùil air teacsaichean bho Alba na Gàidhlig agus bho Èirinn na Gàidhlig Tràth san Nua-linn agus san latha an-diugh.Tha na teacsaichean air an leughadh ann an eadar-theangachadh Beurla. Àrc-eòlasBidh thu ag ionnsachadh mu àrc-eòlas na h-Alba bhon fhianais as tràithe a th’ againn air daoine a bha a’ fuireach ann aig deireadh an Linn-deighe mu dheireadh gu ionnsaigh nan Ròmanach, tràth sa chiad millennium AD.Tha turas gu làraichean àrc-eòlais agus tursan gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba nam prìomh cho-phàirtean den chùrsa seo.Nì thu cuideachd cùrsa Àrc-eòlas an Gnìomh a bheir cothrom dhut a bhith:a’ cur ris an tuigse agad mu chleachdadh arc-eòlais proifeasantaa bhith ag ionnsachadh mu ùr-ghnàthachas inntinneach am modhan-obrach àrc-eòlach tro chleachdadh san t-saoghal da-rìribh agus tro eacarsaichean prataigeachCùrsaichean roghainneilMar a thachair ann am Bliadhna 1, gheibh thu an còrr de na creidisean agad bho chùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios an t-oilthigh a’ toirt seachad.Faodaidh tu cumail ort le cuspair a rinn thu ann am Bliadhna 1,gu sònraichte ma tha thu a’ dèanamh an dà shlighe de phrògram na Ceiltis, no rudeigin gu tur eadar-dhealaichte a dhèanamh. Bliadhna 3Is e seo a’ chiad de na bliadhnaichean ‘urram’ agad, far am bi thu a’ speisealachadh anns na taobhan de na cuspairean agad anns a bheil ùidh le bhith a’ taghadh bho raon de chùrsaichean.CeiltisCùrsaichean an latha an diughTha na cùrsaichean seo rim faighinn do dh’oileanaich a rinn Gàidhlig na h-Alba ann am Bliadhnaichean 1 agus 2. Tha iad a’ coimhead air taobhan litreachais, cultarach agus eachdraidheil de dh’Alba is Èirinn na Gàidhlig - mar eisimpleir cànanachas agus sòiseo-chànanachas bho mun bliadhna 1600 chun an latha an-diugh.Ma nì thu cùrsaichean cànain adhartach, ionnsachaidh tu a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh le misneachd ann an Gàidhlig na h-Alba mu ghrunn chuspairean a’ gabhail a-steach cùisean an latha agus cùisean cultarail a’ cleachdadh briathrachas, gràmar agus gnàthasan-cainnte iomchaidh. Cùrsaichean cànain adhartachBheir na cùrsaichean seo dhut eòlas air Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-aoiseil.Tha iad rim faighinn dhan a h-uile oileanach air a’ phrògram, agus cuiridh iad ris an eòlas agad air litreachas, eachdraidh is cultar. Rannsachadh neo-eisimeileach Tòisichidh tu ag obair air pròiseact an tràchdais agad, a chrìochnaicheas tu ann am Bliadhna 4. Seo do chothrom a bhith a’ taisbeanadh nan sgilean rannsachaidh uile a thog thu nad chuid ionnsachaidh gu ruige seo. Bheir e cothrom dhut coimhead gu domhainn air cuspair anns a bheil ùidh shònraichte agad. Nuair a tha thu a’ taghadh cuspair airson tràchdas, faodaidh seo a bhith ceangailte ri Gàidhlig an latha an-diugh no taobh Ceiltis meadhan-aoiseil a’ phrògraim againn, a rèir na slighe a ghabh thu tro na cùrsaichean ro-urram. Àrc-eòlasIonnsaichidh tu mu Àrc-eòlais Teòraidheach, a tha a’ coimhead air eachdraidh àrc-eòlais bho a thùs ann an àrsaireachd anns an 18mh agus 19mh linn agus mar a chaidh e na chuspair sgoileireil.Bidh thu a’ beachdachadh air na teòraidhean a chleachd àrc-eòlaichean gus na rudan a lorg iad a thuigsinn agus a mhìneachadh agus a’ coimhead air mar a dh'atharraich iad thairis air an 150 bliadhna mu dheireadh.Bidh thu cuideachd ag ionnsachadh mu Àrc-eòlas an Gnìomh, a tha a’ cur fòcas air dòighean-obrach àrc-eòlais an latha an-diugh san RA agus gu h-eadar-nàiseanta. Ionnsaichidh tu na sgilean practaigeach a dh’fheumas àrc-eòlaichean proifeasanta.Taghaidh tu aon chùrsa a bharrachd bho na roghainnean ann an àrc-eòlas aig ìre urraim.Bliadhna 4Is e seo an dàrna tè de na bliadhnaichean urraim agad, nuair a bhios tu a’ speisealachadh barrachd anns na taobhan de na cuspairean agad anns a bheil an ùidh as motha agad. Taghaidh tu barrachd chùrsaichean sònraichte aig ìre urraim an dàrna cuid bho thaobh ùr-nodha no taobh meadhan-aoiseil a’ phrògram Ceiltis agus bho Àrc-eòlas.Nì thu an tràchdas agad cuideachd, a dh’fhaodadh a bhith ann an Ceiltis (meadhan-aoiseil no an latha an-diugh) no Àrc-eòlas.Structar a' phrògraimBidh na cùrsaichean as urrainn dhut dèanamh eadar-dhealaichte bho bhliadhna gu bliadhna agus dh’fhaodadh iad a bhith eadar-dhealaichte airson na bliadhna inntrigidh agad. Is urrainn dhut faighinn a-mach na cùrsaichean a dh’fhaodadh tu dèanamh le bhith a’ coimhead air an fhiosrachadh cùrsa as ùire airson a’ phrògraim seo. Structar a' phrògraim (2024/25) [anns a' Bheurla]Ionnsachadh thall thairisAnn am Bliadhna 3, dh’fhaodte gum bi cothrom agad a’ bhliadhna a chur seachad ag ionnsachadh thall thairis tro phrògram iomlaid eadar-nàiseanta an Oilthigh. Tha cothroman goirid agus bhiortail cuideachd airson a bhith ag ionnsachadh no ag obair thall thairis tro na ceithir bliadhna, a’ gabhail a-steach thairis air mìosan an t-samhraidh.Dè na roghainnean a th’ agam airson a bhith a’ dol thall thairis? [sa Bheurla] Teagasg agus measadhTeagasgTha an t-Oilthigh na àite airson na h-amasan agad fhèin a phlanadh fo stiùireadh sgileil, a bhith ri sgrùdadh neo-eisimeileach agus ann am buidhnean, agus a bhith a’ meòrachadh air do chuid ionnsachaidh tron cheum agad air fad.Tha an dòigh-obrach againn a thaobh ionnsachadh is teagasg gnìomhach, in-ghabhalach agus air a stiùireadh le ceistean, agus mar sin dh’fhaodte gum bi e eadar-dhealaichte bho na dh’fhiosraich thu san sgoil. Cuidichidh e thu gus na sgilean a thogail airson beatha às dèidh an oilthigh, agus stiùiridh sinn thu tro na ceumannan bho aon ìre chun na h-ath ìre.A rèir meud do bhuidheann bliadhna, agus dè na cùrsaichean roghainneil a nì thu, mar as trice bidh na clasaichean agad ann an trì roinnean-seòrsa:òraideanclasaicheanseiminearanA bharrachd air na clasaichean sin, agus gus a’ chuid as motha fhaighinn às na cùrsaichean agad, feumaidh tu leughadh fad is farsaing a dhèanamh.Bidh sinn a’ dèanamh feum mòr de na goireasan claisneachd is lèirsinneach againn, agus thèid do bhrosnachadh cuideachd gus stuthan air-loidhne a chleachdadh.ÒraideanBidh a h-uile oileanach air cùrsa a’ dol gu òraidean, mar as trice aig an aon am. Tha iad air an lìbhrigeadh mar thaisbeanaidhean eadar-ghnìomhach a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach stuthan lèir-chlaisneach.Bidh acadaimigeach sgilean a’ toirt seachad nan òraidean. Tha iad air an dealbhadh gus do stiùireadh tron chùl-fhiosrachadh, ceistean agus deasbadan co-cheangailte ris a’ chuspair mu bheil thu ag ionnsachadh.ClasaicheanTha buidhnean tutorial nas lugha Tha iad cuideachd air an stiùireadh le acadaimigeach, ach an seo tha barrachd cuideam air na tha thu fhèin a’ smaoineachadh mun chuspair. Mar sin, tha clasaichean a’ toirt cothrom dhut bruidhinn agus leudachadh air na dh’ionnsaich thu sna h-òraidean.Ma thaghas tu cùrsaichean a dhèanamh ann an Gàidhlig na h-Alba, bheir clasaichean cànain cothrom dhut na sgilean cànain agad a thoirt air adhart ann an raon de ghnìomhan san t-saoghal dha-rìribh fo stiùir tidsear cànain sgileil.Mar as trice bidh na clasaichean seo a’ gabhail a-steach sgilean leithid leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt – agus iad uile a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh gràmar agus ga chur gu feum.SeiminearanBidh seiminearan a’ measgachadh feartan de dh’òraidean agus de chlasaichean. A-rithist, tha iad air an dealbhadh gus brosnachadh gun gabh thu pàirt gnìomhach ann an ionnsachadh.Air cuid de chùrsaichean, bidh seiminearan agad an àite òraidean, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad (Bliadhnaichean 3 agus 4).MeasadhThèid do mheasadh tro mheasgachadh de dh’obair-chùrsa agus de dheuchainnean.Mar as trice bithear a’ dèanamh obair-cùrsa tron bhliadhna air fad, ach thèid deuchainnean a chumail aig deireadh bloc teagaisg.Tha obair-cùrsa uaireannan ann an diofar chruthan gus cothrom a thoirt dhut diofar sgilean a chleachdadh. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gun tèid iarraidh ort:aiste, lèirmheas, post bloga, pìos beachd no iris ionnsachaidh a sgrìobhadhpìos sgrìobhaidh, film no meadhanan eile a sgrìobhadh, a’ gabhail a-steach tro leughadh dlùthòraid no taisbeanadh goirid a thoirt seachadpod-chraoladh no bhidio a chlàradhpostair no taisbeanadh a dhealbhadh Ma tha thu a’ dèanamh na Gàidhlig, bidh na deuchainnean a’ gabhail a-steach deuchainnean labhairteach gus na sgilean labhairt agad a dhearbhadh.Anns a’ bhliadhna mu dheireadh agad, nì thu tràchdas cuideachd. Taic airson do chuid ionnsachaidhA bharrachd air an luchd-teagaisg agus an luchd-obrach eile a chì thu bho latha gu latha, tha tòrr dhòighean ann air cuideachadh fhaighinn le do chuid ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach tro Institiud Leasachadh Acadaimigeach an Oilthigh (Institute for Academic Development - IAD).Tha sgeamaichean taic co-leithid a’ toirt oileanaich bho dhiofar bhuidhnean bliadhna còmhla gus cuideachadh a thoirt do chàch a chèile le sgilean sgrùdaidh no cuspairean sònraichte. Far am bi thu ag ionnsachadhÀite sgrùdaidhNuair a bhios tu san àrainn, cuiridh tu a’ mhòr-chuid den ùine agad seachad ann am Sgìre Mheadhanach Oilthigh Dhùn Èideann - sa chlas, san leabharlann, no ann am fear den iomadh àite sòisealta is taic aig an Oilthigh. Tha an Sgìre Mheadhanach suidhichte air oir Seann Bhaile eachdraidheil Dhùn Èideann, air a chuairteachadh le tòrr àiteachan uaine.Goireasan acadaimigeachLeabharlannan, cruinneachaidhean agus uidheamachd sònraichteTha na goireasan againn airson na Ceiltis air leth math. Sa mhòr-chuid, tha iad gan cumail ann an trì làraichean timcheall air Ceàrnag Sheòrais ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh:Prìomh Leabharlann an Oilthigh agus a Ionad airson Cruinneachaidhean RannsachaidhSgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Leabharlann Clas na Ceiltis aiceTasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Leabharlann Eòlas na h-Alba aiceLorgaidh tu na leanas anns na làraichean seo:còrr is 400,000 leabhar tearcsia cilemeatair de thasglannan agus làmh-sgrìobhainnean33,000 clàraidhean de dh’òrain, de cheòl, de sgeulachdan agus de rannan ann an Scots, Gàidhlig is Beurla, san Tasglann a bharrachd air clàraidhean ann an dualchainntean a tha a-nis air a dhol à bithna mìltean de dh’obraichean ealain, ionnsramaidean ciùil eachdraidheil agus nithean eilena mìltean de dhealbhan-camara agus sgrìobhainnean eachdraidheil nach fhaicear gu tric ann cuideachd, a tha a’ glacadh taobhan sònraichte is làitheil de chultar is dualchas na h-AlbaAm measg prìomh ghioreasan airson na Ceiltis, tha:Cruinneachadh MacGilleMhìcheil-MhicBhàtairCruinneachadh Dhòmhnaill MhicFhionghuinCruinneachadh Dhaibhidh LaingTha mòran de Chruinneachaidhean Sònraichte an Oilthigh ann an cruth didseatach agus rim faighinn air-loidhne bhon Ionad Ghoireasan sàr-mhath againn, sna deuchainn-lannan coimpiutaireachd agus ann an àiteachan obrach sònraichte ann an LLC.Tha deuchainn-lannan rannsachaidh agus teagaisg suidhichte ann an HCA. Tha na goireasan sin a’ gabhail a-steach:deuchainn-lann teagaisg mhòr airson a bhith a’ coimhead air fuigheall cnàmhaichpròiseasadh às dèidh obair-chladhaich agus deuchainn-lannan ceimigeachd fhliuchIonadan airson rannsachadh, teagasg agus com-pàirteachadhTro Bhuidheann Rannsachadh Algorithmic na Gàidhlig (GARG), sgioba eadar-nàiseanta a tha a’ rannsachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig, stiùirich sinn cruthachadh a’ chiad shiostam Aithneachaidh Cainnt Fèin-obrachadh san t-saoghal dhan Ghàidhlig.Leugh an t-artaigeal againn air na tha Aithneachadh Cainnt Fèin-obrachail a’ ciallachadh do Ghàidhlig na h-Alba san àm ri teachdBidh sinn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Ghàidhlig nàiseanta, air a bheil an t-Àrd-ollamh Rob Dunbar na Bhall Bùird (2023 gu 2027). Tha Rob cuideachd na bhall air Comataidh nan Eòlaichean air Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan – an t-aon chùmhnant san t-saoghal a tha air a dhealbhadh gus cànanan roinneil is mion-chànanan a dhìon agus a bhrosnachadh agus gus leigeil le luchd-labhairt an cleachdadh an dà chuid ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach. Slighean dreuchdail agus rannsachadh a bharrachd Slighean dreuchdailSgilean agus eòlasTha ceumnachadh le ceum MA bho Oilthigh Dhùn Èideann a’ nochdadh tapachd, sùbailteachd agus neart inntleachdail.Bidh na sgilean as urrainn dhut a thaisbeanadh do luchd-fastaidh a’ gabhail a-steach:comas air prìomh bhun-bheachdan a thuigsinn, a mhion-sgrùdadh agus a chur an cèilla bhith ag obair air diofar sheòrsaichean phròiseactan le cinn-lathaa bhith ag obair an dà chuid gu neo-eisimeileach agus mar phàirt de bhuidheannTha ceumnachadh ann an Ceiltis a’ sealltainn gu bheil tuigse adhartach agad air cultaran is sòisealtasan eile agus mar a tha iad a’ toirt cruth air an t-saoghal againn. Bheir seo dhut an comas eadar-chultarach anns a bheil fastaichean a’ cur luach gu h-eadar-nàiseanta.Cothroman ionadail agus cruinneilMar thoradh air ruigsinneachd eadar-nàiseanta a tha a’ sìor fhàs, tha àireamhan cunbhalach de luchd-labhairt is luchd-amas dealasach ùra aig cànanan, litreachasan agus cultaran Ceilteach.Ann an Alba, tha leasachaidhean mar Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, cruthachadh BBC Alba (an t-seirbheis telebhisean didseatach Gàidhlig), agus leudachadh leantainneach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air iarrtas a thogail airson luchd-labhairt Gàidhlig le deagh fhoghlam agus eòlaichean air cultar Ceilteach. Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann de dhaoine leis na teisteanan gus an lìonadh.Tha fìor dheagh chothroman obrach taobh a-staigh nan roinnean a leanas:foghlam, com-pàirteachadh, tagradh is trèanadhnaidheachdan, craoladh agus na meadhananpoileataigs, obair poileasaidh, dioplòmasaidh, an t-seirbheis chatharra agus laghfoillseachadh, cultar, dualchas agus na h-ealaineanLeugh an agallamh againn le Isla Parker, Oifigear Gàidhlig agus Dàimhean Coimhearsnachd an Oilthigh Bidh na sgilean daonnachd so-ghluasadach agad cuideachd gad chur ann am fìor dheagh shuidheachadh airson roinnean leithid:gnìomhachas, ionmhas, malairt agus teicneòlas conaltradh, margaidheachd, sanasachd agus dàimhean poblachcur-seachad, turasachd agus siubhalrannsachadh, leasachadh, co-chomhairleachadh agus luathachadh iomairt eadar-theangachadh is eadar-mhìneachadh Seirbheis DhreuchdanTron ùine còmhla rinn, brosnaichidh sinn thu gus na sgilean cosnaidh agad aithneachadh agus a thoirt air adhart.Tron t-Seirbheis Dhreuchdan an Oilthigh, faodaidh tu na leanas a dhèanamh:faigh comhairle dhreuchdan sònraichte a tha freagarrach airson do chuid ionnsachaidhcoinneamhan aon-ri-aon agus agallamhan obrach mas-fhìor a chur air dòighcothrom fhaighinn air raon de ghoireasan air-loidhnefèilltean dreuchd cuspaireil a fhrithealadh leithid an Fhèis Dhreuchdan Cruthachail is Cultarachfaigh cuideachadh le bhith a’ lorg obair fhad ’s a tha thu ag ionnsachadh agus airson timcheall air dà bhliadhna às dèidh dhut ceumnachadhTha Seirbheis nan Dreuchdan cuideachd na com-pàirtiche ann am Life After LLC, tachartas pannail far am faigh thu brosnachadh bho dhaoine a cheumnaich bho phrògraman ann an litreachsan, cànanan agus cultaran bho chionn ghoirid.Faic làrach-lìn Seirbheis nan Dreuchdan Rannsachadh a bharrachdTha na sgilean rannsachaidh leasaichte a thogas tu air prògram ceithir bliadhna, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad, nan stòras luachmhor ma tha thu airson leantainn air adhart ag ionnsachadh aig ìre iar-cheumnach.Mar as trice ann an Oilthigh Dhùn Èideann bidh sinn a’ tabhann:program Maighstireachd tro Rannsachadh ann an Ceiltis, agus ann an Àrc-eòlasprògram maighstireachd air a theagasg ann an Àrc-eòlasTha prògraman maighstireachd ann cuideachd ann an eachdraidh, daonn-eòlas sòisealta, agus mòran chuspairean eile anns na h-ealainean, na daonnachdan agus saidheansan sòisealta.Tha na ceuman maighstireachd againn uile, co-dhiù tha iad an ann air rannsachadh no air an teagasg, nan deagh bhunait airson PhD, ach tha e cuideachd luachmhor leis fhèin mar theisteanas. Pròifilean cheumnaicheanFaigh brosnachadh bho na seann oileanaich againn ann an litreachasan, cànanan agus cultaran A’ dèanamh tagradh Mar a nithear tagradhFeumaidh tu làn iarrtas a chur a-steach tro UCAS (Seirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean - Universities and Colleges Admissions Service) ron cheann-latha iomchaidh.Stiùireadh mu bhith a’ dèanamh iarrtas tro UCAS (ann am Beurla)Na dh’fheumas tu gus iarrtas a dhèanamhMar phàirt den iarrtas agad, bidh feum agad air:na teisteanasan acadaimigeach agadaithris phearsantafianais air na sgilean Beurla agad (le teisteanasan iomchaidh)reifreansMar a nì sinn taghadhMa tha thu air na feumalachdan inntrigidh againn a choileanadh, no ma thathar an dùil gun coilean thu iad ron cheann-latha iomchaidh, thèid an tagradh agad a chur a-steach dhan phròiseas taghaidh againn.Mar phàirt den phròiseas taghaidh seo, nì sinn lèirmheas air an fhiosrachadh gu lèir a chuireas tu san tagradh UCAS agad nuair a cho-dhùineas sinn cò a thaghas sinn airson a’ phrògraim ceuma seo.Mar a roghnaicheas sinn tagraichean (ann am Beurla)Cuin a bu chòir dhut tagradh a dhèanamhCeann-latha inntrigidh UCAS 2026: 14 Faoilleach 2026 (6:00f GMT)Is e seo an ceann-latha airson a h-uile tagraiche san RA, san AE agus airson a h-uile tagraiche eadar-nàiseanta airson prògraman nach eil ceangailte ri dotaireachd no lèigh-ainmhidhean.Gus faighinn a-mach a bheil àiteachan bàna aig prògraman ceuma às dèidh a’ chinn-latha seo, coimhead airson Oilthigh Dhùn Èideann air làrach-lìn UCAS.Rannsaich ceuman a tha fosgailte air làrach-lìn UCAS (ann am Beurla)Prìomh chinn-latha agus cinn-amannan tagraidh (ann am Beurla)Às dèidh dhut tagradh a dhèanamhÀs dèidh dhut tagradh a dhèanamh airson do phrògram ceuma, tha sinn a’ moladh gun toir thu sùil air an fhiosrachadh a leanas gus do chuideachadh le bhith ag ullachadh airson an oilthigh (ann am Beurla):Mar a chuireas tu na teisteanasan agad a-steachA’ dol gu tachartas do dhaoine a fhuair tairgse airson àite san oilthighA’ faighinn a’ cho-dhùnaidh againnA’ gabhail ris an tairgse agadÀs dèidh dhut gabhail ris an tairgse agadMa tha ciorram ort agus feum agad air barrachd taic aig an oilthighA’ dèanamh iarrtas mar oileanach eadar-nàiseantaMar oileanach eadar-nàiseanta, bidh thu a’ dèanamh iarrtas airson a’ phrògraim ceuma seo tro UCAS. Faigh barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ dèanamh iarrtas tro UCAS (ann am Beurla)Bhìosathan agus in-imrichMura h-eil còir agad a bhith a’ fuireach san RA, bidh agad ri tagradh a dhèanamh airson bhìosa Oileanaich agus sin fhaighinn ro cheann-latha tòiseachaidh do phrògraim ceuma. Faodaidh Seirbheis In-imrich nan Oileanach againn do chuideachadh le pròiseas tagraidh bhìosa nan Oileanach.A’ cur a-steach airson bhìosa (ann am Beurla)Àidseantan ’S e a th’ ann an àidseant foghlaim ach cuideigin a chuidicheas tu leis a’ phròiseas tagraidh mar oileanach eadar-nàiseanta.Bidh sinn ag obair le àidseantan foghlaim air feadh an t-saoghail agus tha liosta againn de dh’oifisean ionadail dham faod thu fios a chur. Faigh fiosrachadh conaltraidh airson àidseant foghlaim (ann am Beurla) Beatha ann an Dùn Èideann Na tha na h-oileanaich againn ag ràdhSaoilidh mi gur e an rud a tha cho sònraichte mu Dhùn Èideann gu bheil uimhir ri dhèanamh ge b’ e dè na rudan anns a bheil ùidh agad! Co-dhiù tha e a’ còrdadh riut a bhith a’ coiseachd, a’ gabhail fois ann an cafaidh, a’ dol a-mach gu sòisealta le caraidean, no rud sam bith eile, cha teirig na roghainnean dhut gu bràth an seo.- Minju Kim, Ceumanaiche LLC (2024)Anns a’ bhliadhna mu dheireadh aice mar oileanach ann an Dùn Èideann, bha Minju na Riochdaire Fo-cheum airson Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran. Còmhla ri Riochdairean Prògraim, tha Riochdairean Fo-cheumnach a’ toirt dhut guth san oilthigh - a’ toirt seachad do bheachdan gus saoghal nan oileanach a leasachadh dhan a h-uile duine. Bidh na dreuchdan aca a’ faighinn taic bho Chomann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA). Àiteachan-còmhnaidhTha sinn a’ gealltainn gun tèid àite-fuirich an Oilthigh a thabhann do gach oileanach fo-cheum singilte ùr bho thaobh a-muigh Dhùn Èideann. Airson a bhith ion-roghnach, feumaidh tu na slatan-tomhais gu lèir a choileanadh agus iarrtas a dhèanamh airson àite-còmhnaidh ro 16 Lùnastal sa bhliadhna sam bi thu a’ tòiseachadh san Oilthigh.Làrach-lìn àiteachan-còmhnaidh an oilthighSlatan-tomhais airson gealltanas àite-fuirichNam b’ fheàrr leat fuireach ann an àite eile, is urrainn dhuinn comhairle a thoirt dhut mu bhith a’ lorg àite-còmhnaidh ann an Dùn Èideann.Fiosrachadh mu àiteachan-còmhnaidh fuirich bho an Ionad Comhairleachaidh Comainn agus clubaicheanTha Comann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA) a’ cumail taic ri còrr is 300 comann is cluba a tha air an stiùireadh le oileanaich, agus bidh e a’ brosnachadh chothroman le carthannasan ionadail tro ionad nan saor-thoileach aige. ’S e an Comunn Ceilteach an comann oileanaich as sine san Oilthigh agus bidh e a’ cur a’ chèilidh bhliadhnail as motha sa bhaile air dòigh. Bidh Archsoc (Comann an Àrc-eòlais) a’ cur thursan air dòigh gu làraichean dualchais is cladhaich ionadail, am measg ghnìomhan eile.Tha sinn dealasach mu cheòl, litreachas, òrain agus sgeulachdan, agus bidh sinn gu tric a’ cumail thachartasan airson luchd-obrach, oileanaich agus aoighean a bhios a’ tighinn gus bruidhinn, cluich no gus rannsachadh a thaisbeanadh. Tha Neach-ealain Traidiseanta agus Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas againn, neach-ciùil agus sgrìobhadair a bhios ag obair còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich air diofar phròiseactan agus thaisbeanaidhean.ComainnClubaichean spòrs Cathair-bhaile Dhùn ÈideannTha Dùn Èideann na phrìomh bhaile fèise aig ìre an t-saoghail a tha làn de thaighean-dhealbh, taighean-cluiche, gailearaidhean, leabharlannan agus cruinneachaidhean. Tha na goireasan sa bhaile a tha feumail airson cùrsaichean Ceiltis agus Àrc-eòlais air leth.Tha mòran chruinneachaidhean nàiseanta suidhichte faisg air sgìre mheadhanach an Oilthigh, ga dhèanamh furasta a dhol ann eadar clasaichean. Am measg nam prìomh àiteachan, tha:Leabharlann Nàiseanta na h-AlbaTaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-AlbaLeabharlann Bàrdachd na h-AlbaIonad Sgeulachdan na h-AlbaTha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail anns a’ bhaile. Mar eisimpleir, tha buidhnean còmhraidh ann gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta, fèisean do luchd-ciùil, agus fèis bhliadhnail, Seachdain na Gàidhlig.Faigh barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ fuireach an Dùn Èideann Goireasan eacarsaich, cur-seachad agus taicTaobh a-muigh do chuid ionnsachaidh, tha farsaingeachd de ghoireasan againn airson beatha làitheil, a’ gabhail a-steach:goireasan spòrs is eacarsaich taighean-bìdh is cafaidhean an OilthighIonadan is bùithtean Comann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann seaplaineachd ioma-chreideamh airson gach creideamh, agus do dhaoine aig nach eil creideamh sam bithsgoil-àraich an Oilthigh (stèidhichte ann an àrainn Togalaichean an Rìgh)Taic a thaobh slàinte agus sunndBidh cothrom agad air seirbheisean slàinte is sunnd an-asgaidh fad ’s a bhios tu aig an oilthigh ma tha feum agad orra.Am measg nan seirbheisean taice a tha sinn a’ toirt seachad tha:seirbheis comhairleachaidh nan oileanachionad-slàinte (ionad-dotair)taic ma tha thu a’ fuireach ann an àite-còmhnaidh an Oilthigh cuideachadh agus taic shònraichte ma tha ciorram ort no ma tha feum agad air atharrachaidhean mar thoradh air seoTaic a thaobh slàinte agus sunnd (ann am Beurla) Conaltradh agus tachartasan Cuir fios thugainn Cuir fios thugainn tro sgioba nan ceist againn ma tha ceist sam bith agad mun phrògram seo. Cuir fios thugainn Lean sinn air na meadhanan sòisealtaSgoil nan Litreachasan, Cànanan is CultaranFacebookLinkedInInstagramBluesky Làithean fosgailte, tachartasan agus tursan Faigh a-mach cuin a bhios na h-ath làithean fosgailte againn a’ tachairt. Làithean fosgailte, tachartasan agus tursan Prògraman ceuma co-cheangailte Ceumannan eile ann an Ceiltis:Ceiltis (MA)Ceiltis agus Cànan na Beurla (MA)Ceiltis agus Litreachas na Beurla (MA)Ceiltis agus Fraingis (MA)Ceiltis agus Cànanachas (MA)Ceiltis agus Eòlas Lochlannach (MA)Ceiltis agus Eachdraidh na h-Alba (MA)Ceiltis agus Litreachas na h-Alba (MA)Dh’fhaodte gum bi ùidh agad cuideachd anns na leanas:Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich) (MA)Lagh agus Ceiltis (LLB) [sa Bheurla]Eitn-eòlas na h-Alba (MA) [sa Bheurla]Eitn-eòlas na h-Alba agus Ceiltis (MA) [sa Bheurla]Litreachas na h-Alba (MA) [sa Bheurla]Eòlas na h-Alba (MA) [sa Bheurla] Read this page in English This article was published on 2025-03-03