MA Ceiltis agus Cànan na Beurla

Ionnsaich mu chànanan, litreachasan agus cultaran an t-saoghail Cheiltich, cho math ri bhith ag ionnsachadh mar a tha a’ Bheurla air atharrachadh is fàs thar nam bliadhnaichean.

Íre: Fo-cheumnach

Cuspair: Ceiltis

Bliadhna inntrigidh: 2026

Prìomh-fhiosrachadh

Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran

Colaiste: Ealain, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta

Còd UCAS: QQ53Duais: MA (Urram)Faid: 4 bliadhna
Lìbhrigeadh: Làn-ùine
Àite sgrùdaidh: Prìomh Àrainn an Oilthigh
Mìos tòiseachaidh: An t-Sultain 2026
Ionnsachadh thall thairis: Ri fhaighinnA bheil barantachadh: Chan EilGrèis-gnìomhachas ann: Chan Eil

Tar-shealladh

Mun phrògram ceuma

Ma nì thu Ceiltis agus cànan na Beurla ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ionnsaichidh tu mu chultaran fìor bheartach bho na Meadhan Aoisean chun an 21mh linn.

Tha am prògram co-urram seo a’ toirt cothrom dhut a bhith ag ionnsachadh mu chànanan, litreachasan agus cultaran an t-saoghail Cheiltich cho math ri bhith ag ionnsachadh mar a tha a’ Bheurla air atharrachadh is fàs thar nam bliadhnaichean, a’ gabhail a-steach ann an co-theacsa eadar-nàiseanta.

Le bhith a’ cur còmhla a bhith ag ionnsachadh mu mar a tha cànan ag obair le traidisean cànanach is litreachais, tha thu a’ de  arbhadh gur e neach-conaltraidh math a th’ annad, agus gu bheil thu fosgailte do chultaran eile agus do bheachdan ùra.

Nuair a cheumnaicheas tu, bidh measgachadh agad de dh’fhoghlam cultarach farsaing agus de dh’eòlas sònraichte den t-seòrsa anns am bi fastaichean air feadh an t-saoghail a’ cur luach.

Ceiltis

Bidh sinn a’ tabhann chùrsaichean ann an cànanan, litreachasan, eachdraidhean agus cultaran an t-saoghail Cheiltich aig gach ìre den phrògram ceithir bliadhna againn.

A bharrachd air traidiseanan litreachais is beul-aithris làidir, bho na meadhan aoisean chun an latha an-diugh, tha an raon-eòlais againn a’ gabhail a-steach:

  • sòiseo-chànanachas - an dàimh eadar cànan agus an comann-sòisealta 
  • Freagairtean na 19mh agus na 20mh linn do na h-atharrachaidhean sòisealta, cultarail agus cànanach sna dùthchannan far a bheil na cànanan Ceilteach gam bruidhinn
  • poileasaidh cànain an latha an-diugh agus ath-bheothachadh cànain  
Ionnsachadh cànain

Ma thaghas tu cùrsaichean ann an Gàidhlig na h-Alba, chan eil gu diofar an e fìor neach-tòiseachaidh a th’ annad sa Ghàidhlig. Cuiridh sinn na diofar chlasaichean againn ann am Bliadhna 1 air dòigh gus am bi iad freagarrach airson a h-uile ìre de dh’eòlas air a’ Ghàidhlig agus airson daoine aig nach eil Gàidhlig sam bith.

Faodaidh tu cuideachd cànan Ceilteach meadhan-aoiseil ionnsachadh aig ìre urraim (Bliadhna 3 agus 4). Tha an dà chuid Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhanach rim faighinn.

Cànan na Beurla

A’ cleachdadh dhòighean-obrach bho chànanachas an latha an-diugh, nì thu anailis air structar na Beurla sgrìobhte agus labhairtich agus ionnsaichidh tu mar a tha an cànan air atharrachadh tro a h-eachdraidh. 

A bharrachd air ionnsachadh mu atharrachaidhean sa Bheurla, tha traidisean làidir againn a bhith a’ rannsachadh diofar chruthan den chànan, a’ gabhail a-steach:

  • Scots 
  • diofar dhualchainntean Beurla
  • eadar-dhealachaidhean eadar-nàiseanta 

Ionnsaichidh tu mu Bheurla agus Scots an latha an-diugh agus ionnsaichidh tu na rudan a tha coltach agus eadar-dhealaichte eadar Beurla agus cànanan eile. 

Carson Dùn Èideann?

Tha coimhearsnachd Ghàidhlig sa bhaile a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada cho math ri saoghal cultarach beothail.

Mar phrìomh bhaile na h-Alba, tha na cruinneachaidhean aige air leth math, mar a tha goireasan an Oilthigh fhèin airson cùrsaichean Ceiltis agus Cànan an Beurla.

Dè cho fada ’s a bheir e gus am prògram ceuma seo a chrìochnachadh

’S e prògram 4 bliadhna a tha seo. Bheir seo dhut roghainn agus sùbailteachd nad chuid ionnsachaidh, a’ toirt ùine dhut gus coimhead air diofar roghainnean, faighinn a-mach dè tha a’ còrdadh riut agus gus do sgilean a thogail. ’S iad a’ chiad dà bhliadhna na bliadhnaichean ro-urraim agad. Bidh iad mar dheagh bhunait dhut sna cuspairean agad. 

A bharrachd air na prìomh chùrsaichean agad, cuiridh tu ris an fhoghlam agad agus ri seata nan sgilean agad le bhith a’ taghadh chùrsaichean roghainneil bho raon de chuspairean. Bheir seo cothrom dhut cur ri do mhothachadh eadar-chultarach ann an raointean eile de na h-ealainean, daonnachdan agus saidheansan sòisealta. 

’S iad an da bhliadhna mu dheireadh agad na bliadhnaichean urraim agad Nì thu cùrsaichean a rèir cuspairean, amannan no dòighean-obrach anns a bheil ùidh agad.  Ma tha thu air roghnachadh Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh, thèid thu air adhart gu ionnsachadh cànain adhartach sna bliadhnaichean seo.

Mar a tha program co-urraim ag obair

Nì thu an dà chuid Ceiltis agus Cànan an Beurla gu ìre ceuma, a bharrachd air a bhith a’ dèanamh chùrsaichean roghainneil ann am Bliadhnaichean 1 agus 2. 

Tha Ceiltis stèidhichte ann an Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Cànan an Beurla ann an Sgoil Feallsanachd, Saidhceòlas agus Saidheansan Cànain (PPLS), air an aon àrainn. 

Bidh an teagasg agad a’ tachairt ann an agus faisg air prìomh thogalaichean LLC agus PPLS ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh. 

Rangachadh a’ phrògraim

  • 3s àite san RA airson Nuadh-chànanan
  • 3s àite san RA airson Cànan agus Litreachas na Beurla
  • 4mh àite san RA anns na h-Ealainean is  Daonnachdan 

Rangan bho QS World Rankings a rèir Cuspair 2024 

Sochairean a’ phrògraim

  • Nì thu ceum thairis air ceithir bliadhna, a’ toirt dhut roghainnean agus sùbailteachd 
  • Ionnsaich ann am meadhan prìomh bhaile na h-Alba. 
  • Feuch diofar chuspairean anns a’ chiad dà bhliadhna agad. 
  • Gabh ann an comainn co-cheangailte ris na cuspairean mu bheil thu ag ionnsachadh. 
  • Dèan sgrùdadh air leabharlannan agus cruinneachaidhean air leth. 

Riatanasan inntrigidh


Cìsean is maoineachadh

Cìsean teagaisg

Thoir sùil air na cìsean teagaisg airson aon bhliadhna acadaimigeach den phrògram seo.

Cìsean teagaisg airson a’ phrògraim seo (ann am Beurla)

Cosgaisean a bharrachd

Tha e buailteach gum bi cosgaisean a bharrachd ann ma thaghas tu a bhith ag ionnsachadh thall thairis ann am Bliadhna 3.

Àite-còmhnaidh agus cosgaisean bith-beò

Feumaidh tu do chosgaisean àite-còmhnaidh agus bith-beò a phàigheadh tron phrògram agad air fad.

Tha sinn a’ meas gun cosgadh aon oileanach eadar £920 agus £2,257 air cosgaisean bith-beò gach mìos aig a char as motha, a rèir far a bheil iad a’ fuireach.

Tha an tuairmse seo a’ gabhail a-steach:

  • cuid-oidhche
  • biadh
  • bilean ghoireasan
  • siubhal taobh a-staigh Dhùn Èideann
  • cosgaisean slàinte is sunnd

Faic fios nas mionaidiche de chosgaisean bith-beò (ann am Beurla)

Sgoilearachdan agus maoineachadh

Fiosrachadh maoineachaidh

Gheibh thu fiosrachadh mionaideach mun taic ionmhais a tha ri faighinn, stèidhichte air far a bheil thu a’ fuireach, anns an earrainn maoineachaidh againn.

Maoineachadh (ann am Beurla)


Mion-fhiosrachadh mun phrògram

Na bhios tu ag ionnsachadh

Bliadhna 1

Ceiltis

Taghaidh tu co-dhiù aon de na slighean a leanas tro thaobh Ceilteach do phrògraim:

  • Slighe na Gàidhlig
  • Slighe sìobhaltachd Cheilteach 

Ma tha ùidh agad anns an dà shlighe, faodaidh tu co-dhùnadh cùrsaichean a dhèanamh bhon dà chuid. 

Slighe na Gàidhlig

Ma ghabhas tu slighe a’ chànain, bidh an cùrsa a nì thu a rèir na h-ìre de Ghàidhlig a th’ agad mar-thà.

Mur a robh eòlas sam bith agad air a’ chànan roimhe, gheibh thu misneachd ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh na Gàidhlig le bhith a’ dèanamh a’ chùrsa Gàidhlig 1A againn.

Mas e neach-labhairt adhartach a th’ annad, neartaichidh an cùrsa Gàidhlig 1B againn do chuid eòlais air litreachas na Gàidhlig agus cuiridh e ri do sgilean cànain.

Slighe sìobhaltachd Cheilteach

Tha dà chùrsa ann an slighe nan sìobhaltachdan Ceilteach:

  • Sìobhaltachd Cheilteach 1A: Borbairean, Naoimh agus Sgoilearan
  • Sìobhaltachd Cheilteach 1B: Aintighearnas, Atharrachadh agus Ais-èirigh 

Còmhla, tha iad a’ feuchainn ri cànanan Ceilteach an àm a dh’fhalbh agus an latha an-diugh - a chur ann an co-theacsa eachdraidheil agus co-aimsireil nas fharsainge.

Air na cùrsaichean seo, tòisichidh tu air sgrùdadh air Eòlas Ceiltis anns na meadhan-aoisean agus san latha an-diugh. Tha seo a’ gabhail a-steach beachdachadh air a’ bhuaidh a tha aig Ceilteachas san latha an-diugh air mar a thathar a’ tuigsinn an àm a dh’fhalbh.

Tha cothrom ann cuideachd cùrsa ann an sìobhaltachd Cheilteach a dhèanamh còmhla ris a’ chùrsa bhunaiteach ionnsachaidh cànain againn, Bun-eòlas air a’ Ghàidhlig agus a Cultar.

Cànan na Beurla

Nì thu dà chùrsa fad seamastair ann an Cànan na Beurla: 

  • Cànan na Beurla 1A - tha an cùrsa a’ toirt dhut bun-eòlas air rannsachadh air cànanan san fharsaingeachd, agus air a’ Bheurla gu sònraichte.
  • Cànan na Beurla 1B - cuidichidh an cùrsa seo thu gus na h-innealan agus an t-eòlas a thogail a dh’fheumas tu gus sgrùdadh a dhèanamh air na diofar fo-shiostaman cànain.
Cùrsaichean roghainneil

Cuiridh tu crìoch air do chuid ionnsachaidh le cùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad.

Ma tha thu airson an dà shlighe a dhèanamh ann an Ceiltis, bidh co-dhiù aon de na roghainnean agad air a tharraing bho chùrsaichean an dàrna cuid ann an Ceiltis no Gàidhlig na h-Alba. 

Tha iad seo a’ gabhail a-steach - ach chan ann a-mhàin - cùrsaichean ann an:

  • Eitn-eòlas na h-Alba
  • Cànanachas, agus saidheansan cànain
  • Cànanan agus cultaran Eòrpach
  • Eòlas Àiseanach
  • Eòlas Ioslamach agus an Ear Mheadhanaich
  • gnìomhachas, eaconamas agus informataigs
  • poilitigs, poileasaidh sòisealta, daonn-eòlas sòisealta agus dàimhean eadar-nàiseanta
  • eachdraidh ealain is ailtireachd
  • eachdraidh, clasaigeachd agus arc-eòlas
  • feallsanachd, diadhaireachd agus lagh

Bliadhna 2

Ceiltis

Faodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ dèanamh na Gàidhlig, no a bhith a’ dèanamh Litreachasan Ceilteach. Air no, faodaidh tu leantainn ort a’ dèanamh an dà shlighe, gu h-àraidh ma tha thu airson cùrsaichean Ceiltis an latha an-diugh agus meadhan-aoiseil a ghabhail anns na bliadhnaichean urraim agad.

Slighe na Gàidhlig

Ma rinn thu Gàidhlig 1A ann am Bliadhna 1, gabhaidh tu Gàidhlig 2A. Ma rinn thu Gàidhlig 1B ann am Bliadhna 1, gabhaidh tu Gàidhlig 2B. 

San dà chùis, cuiridh tu ris na sgilean cànain agad agus ionnsaichidh tu mu structar cànanach. Ionnsaichidh tu barrachd cuideachd mu litreachas agus cultar na Gàidhlig , ag ionnsachadh mu rosg agus bàrdachd.

Slighe nan litreachasan Ceilteach 

Ma ghabhas tu air an t-slighe seo, gheibh thu sealladh farsaing air prìomh ghnèithean litreachais agus theacsaichean bhon t-saoghal Cheilteach. Bidh an dà chùrsa againn a’ coimhead air litreachasan bho dhiofar amannan agus àiteachan, mar a leanas:

  • Gaisgich, Iongnaidhean, Naoimh agus Mòr-sgeulan - a’ gabhail a-steach stuthan Cuimris is Èireannach meadhan-aoiseil.
  • Tha Òrain, Claidheamhan, Reubaltaich agus Ath-bheothachadh a’ toirt sùil air teacsaichean bho Alba na Gàidhlig agus bho Èirinn na Gàidhlig Tràth san Nua-linn agus san latha an-diugh.

Tha na teacsaichean air an leughadh ann an eadar-theangachadh Beurla.

Cànan na Beurla

Ionnsachaidh tu mu theòiridh cànanach agus taghaidh tu cùrsa a’ coimhead air fear de na cuspairean a leanas:

  • structar agus eachdraidh cànanan an t-saoghail
  • atharrachaidhean air a’ Bheurla thairis air tìm agus ann an diofar àiteachan
Cùrsaichean roghainneil

Mar a thachair ann am Bliadhna 1, gheibh thu an còrr de na creidisean agad bho chùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios an t-oilthigh a’ toirt seachad.

Faodaidh tu cumail ort le cuspair a rinn thu ann am Bliadhna 1, gu sònraichte ma tha thu a’ dèanamh an dà shlighe de phrògram na Ceiltis, no rudeigin gu tur eadar-dhealaichte a dhèanamh.

Bliadhna 3

Is e seo a’ chiad de na bliadhnaichean ‘urram’ agad, far am bi thu a’ speisealachadh anns na taobhan de na cuspairean agad anns a bheil ùidh le bhith a’ taghadh bho raon de chùrsaichean.

Ceiltis
Cùrsaichean an latha an diugh

Tha na cùrsaichean seo rim faighinn do dh’oileanaich a rinn Gàidhlig na h-Alba ann am Bliadhnaichean 1 agus 2. Tha iad a’ coimhead air taobhan litreachais, cultarach agus eachdraidheil de dh’Alba is Èirinn na Gàidhlig - mar eisimpleir cànanachas agus sòiseo-chànanachas bho mun bliadhna 1600 chun an latha an-diugh.

Ma nì thu cùrsaichean cànain adhartach, ionnsachaidh tu a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh le misneachd ann an Gàidhlig na h-Alba mu ghrunn chuspairean a’ gabhail a-steach cùisean an latha agus cùisean cultarail a’ cleachdadh briathrachas, gràmar agus gnàthasan-cainnte iomchaidh. 

Cùrsaichean cànain adhartach

Bheir na cùrsaichean seo dhut eòlas air Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-aoiseil.

Tha iad rim faighinn dhan a h-uile oileanach air a’ phrògram, agus cuiridh iad ris an eòlas agad air litreachas, eachdraidh is cultar.

Rannsachadh neo-eisimeileach 

Tòisichidh tu ag obair air pròiseact an tràchdais agad, a chrìochnaicheas tu ann am Bliadhna 4. Seo do chothrom a bhith a’ taisbeanadh nan sgilean rannsachaidh uile a thog thu nad chuid ionnsachaidh gu ruige seo. Bheir e cothrom dhut coimhead gu domhainn air cuspair anns a bheil ùidh shònraichte agad. Nuair a tha thu a’ taghadh cuspair airson tràchdas, faodaidh seo a bhith ceangailte ri Gàidhlig an latha an-diugh no taobh Ceiltis meadhan-aoiseil a’ phrògraim againn, a rèir na slighe a ghabh thu tro na cùrsaichean ro-urram. 

Cànan na Beurla

Bidh thu a’ taghadh bho roghainn de chùrsaichean speisealaiche aig ìre urraim an dà chuid ann an Ceiltis agus Cànan na Beurla. Mar as trice bidh na roghainnean a’ gabhail a-steach cùrsaichean air: 

  • cùisean làithreach sa chuspair
  • eachdraidh na Scots, Seann Bheurla is Mheadhan-Bheurla, cruthan Beurla Cruinneil agus dualchainntean Beurla 

Bliadhna 4

Is e seo an dàrna tè de na bliadhnaichean urraim agad, nuair a bhios tu a’ speisealachadh barrachd anns na taobhan de na cuspairean agad anns a bheil an ùidh as motha agad. 

Taghaidh tu barrachd chùrsaichean sònraichte aig ìre urraim an dàrna cuid bho thaobh ùr-nodha no taobh meadhan-aoiseil a’ phrògram Ceiltis agus bho Cànan na Beurla.

Nì thu an tràchdas agad cuideachd, a dh’fhaodadh a bhith ann an Ceiltis (meadhan-aoiseil no an latha an-diugh) no Cànan na Beurla.

Structar a' phrògraim

Bidh na cùrsaichean as urrainn dhut dèanamh eadar-dhealaichte bho bhliadhna gu bliadhna agus dh’fhaodadh iad a bhith eadar-dhealaichte airson na bliadhna inntrigidh agad. 

Is urrainn dhut faighinn a-mach na cùrsaichean a dh’fhaodadh tu dèanamh le bhith a’ coimhead air an fhiosrachadh cùrsa as ùire airson a’ phrògraim seo. 

Structar a' phrògraim (2024/25) [anns a' Bheurla]

Ionnsachadh thall thairis

Ann am Bliadhna 3, dh’fhaodte gum bi cothrom agad a’ bhliadhna a chur seachad ag ionnsachadh thall thairis tro phrògram iomlaid eadar-nàiseanta an Oilthigh. Tha cothroman goirid agus bhiortail cuideachd airson a bhith ag ionnsachadh no ag obair thall thairis tro na ceithir bliadhna, a’ gabhail a-steach thairis air mìosan an t-samhraidh.

Dè na roghainnean a th’ agam airson a bhith a’ dol thall thairis? [sa Bheurla]

Teagasg agus measadh

Teagasg

Tha an t-Oilthigh na àite airson na h-amasan agad fhèin a phlanadh fo stiùireadh sgileil, a bhith ri sgrùdadh neo-eisimeileach agus ann am buidhnean, agus a bhith a’ meòrachadh air do chuid ionnsachaidh tron cheum agad air fad.

Tha an dòigh-obrach againn a thaobh ionnsachadh is teagasg gnìomhach, in-ghabhalach agus air a stiùireadh le ceistean, agus mar sin dh’fhaodte gum bi e eadar-dhealaichte bho na dh’fhiosraich thu san sgoil. Cuidichidh e thu gus na sgilean a thogail airson beatha às dèidh an oilthigh, agus stiùiridh sinn thu tro na ceumannan bho aon ìre chun na h-ath ìre.

A rèir meud do bhuidheann bliadhna, agus dè na cùrsaichean roghainneil a nì thu, mar as trice bidh na clasaichean agad ann an trì roinnean-seòrsa:

  • òraidean
  • clasaichean
  • seiminearan

A bharrachd air na clasaichean sin, agus gus a’ chuid as motha fhaighinn às na cùrsaichean agad, feumaidh tu leughadh fad is farsaing a dhèanamh.

Bidh sinn a’ dèanamh feum mòr de na goireasan claisneachd is lèirsinneach againn, agus thèid do bhrosnachadh cuideachd gus stuthan air-loidhne a chleachdadh.

Òraidean

Bidh a h-uile oileanach air cùrsa a’ dol gu òraidean, mar as trice aig an aon am. Tha iad air an lìbhrigeadh mar thaisbeanaidhean eadar-ghnìomhach a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach stuthan lèir-chlaisneach.

Bidh acadaimigeach sgilean a’ toirt seachad nan òraidean. Tha iad air an dealbhadh gus do stiùireadh tron chùl-fhiosrachadh, ceistean agus deasbadan co-cheangailte ris a’ chuspair mu bheil thu ag ionnsachadh.

Clasaichean

Tha buidhnean tutorial nas lugha Tha iad cuideachd air an stiùireadh le acadaimigeach, ach an seo tha barrachd cuideam air na tha thu fhèin a’ smaoineachadh mun chuspair. Mar sin, tha clasaichean a’ toirt cothrom dhut bruidhinn agus leudachadh air na dh’ionnsaich thu sna h-òraidean.

Ma thaghas tu cùrsaichean a dhèanamh ann an Gàidhlig na h-Alba, bheir clasaichean cànain cothrom dhut na sgilean cànain agad a thoirt air adhart ann an raon de ghnìomhan san t-saoghal dha-rìribh fo stiùir tidsear cànain sgileil.

Mar as trice bidh na clasaichean seo a’ gabhail a-steach sgilean leithid leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt – agus iad uile a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh gràmar agus ga chur gu feum.

Seiminearan

Bidh seiminearan a’ measgachadh feartan de dh’òraidean agus de chlasaichean. A-rithist, tha iad air an dealbhadh gus brosnachadh gun gabh thu pàirt gnìomhach ann an ionnsachadh.

Air cuid de chùrsaichean, bidh seiminearan agad an àite òraidean, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad (Bliadhnaichean 3 agus 4).

Measadh

Thèid do mheasadh tro mheasgachadh de dh’obair-chùrsa agus de dheuchainnean.

Mar as trice bithear a’ dèanamh obair-cùrsa tron bhliadhna air fad, ach thèid deuchainnean a chumail aig deireadh bloc teagaisg.

Tha obair-cùrsa uaireannan ann an diofar chruthan gus cothrom a thoirt dhut diofar sgilean a chleachdadh. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gun tèid iarraidh ort:

  • aiste, lèirmheas, post bloga, pìos beachd no iris ionnsachaidh a sgrìobhadh
  • pìos sgrìobhaidh, film no meadhanan eile a sgrìobhadh, a’ gabhail a-steach tro leughadh dlùth
  • òraid no taisbeanadh goirid a thoirt seachad
  • pod-chraoladh no bhidio a chlàradh
  • postair no taisbeanadh a dhealbhadh

Ma tha thu a’ dèanamh na Gàidhlig, bidh na deuchainnean a’ gabhail a-steach deuchainnean labhairteach gus na sgilean labhairt agad a dhearbhadh.

Anns a’ bhliadhna mu dheireadh agad, nì thu tràchdas cuideachd.

Taic airson do chuid ionnsachaidh

A bharrachd air an luchd-teagaisg agus an luchd-obrach eile a chì thu bho latha gu latha, tha tòrr dhòighean ann air cuideachadh fhaighinn le do chuid ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach tro Institiud Leasachadh Acadaimigeach an Oilthigh (Institute for Academic Development - IAD).

Tha sgeamaichean taic co-leithid a’ toirt oileanaich bho dhiofar bhuidhnean bliadhna còmhla gus cuideachadh a thoirt do chàch a chèile le sgilean sgrùdaidh no cuspairean sònraichte.

Bidh Ionad Sgilean PPLS gu sònraichte a’ toirt seachad taic le bhith a’ sgrìobhadh aistean agus tràchdasan, ach bidh e cuideachd a’ tabhann choinneamhan air prògramadh, cruinneachadh dàta, agus mion-sgrùdadh staitistigeil. 

Far am bi thu ag ionnsachadh

Àite sgrùdaidh

Nuair a bhios tu san àrainn, cuiridh tu a’ mhòr-chuid den ùine agad seachad ann am Sgìre Mheadhanach Oilthigh Dhùn Èideann - sa chlas, san leabharlann, san obair-lann, no ann am fear den iomadh àite sòisealta is taic aig an Oilthigh. 

Tha an Sgìre Mheadhanach suidhichte air oir Seann Bhaile eachdraidheil Dhùn Èideann, air a chuairteachadh le tòrr àiteachan uaine.

Goireasan acadaimigeach

Leabharlannan, cruinneachaidhean agus uidheamachd sònraichte

Tha na goireasan againn airson na Ceiltis air leth math. Sa mhòr-chuid, tha iad gan cumail ann an trì làraichean timcheall air Ceàrnag Sheòrais ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh:

  • Prìomh Leabharlann an Oilthigh agus a Ionad airson Cruinneachaidhean Rannsachaidh
  • Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Leabharlann Clas na Ceiltis aice
  • Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Leabharlann Eòlas na h-Alba aice

Lorgaidh tu na leanas anns na làraichean seo:

  • còrr is 400,000 leabhar tearc
  • sia cilemeatair de thasglannan agus làmh-sgrìobhainnean
  • 33,000 clàraidhean de dh’òrain, de cheòl, de sgeulachdan agus de rannan ann an Scots, Gàidhlig is Beurla, san Tasglann a bharrachd air clàraidhean ann an dualchainntean a tha a-nis air a dhol à bith
  • na mìltean de dh’obraichean ealain, ionnsramaidean ciùil eachdraidheil agus nithean eile
  • na mìltean de dhealbhan-camara agus sgrìobhainnean eachdraidheil nach fhaicear gu tric ann cuideachd, a tha a’ glacadh taobhan sònraichte is làitheil de chultar is dualchas na h-Alba

Am measg prìomh ghioreasan airson na Ceiltis, tha:

  • Cruinneachadh MacGilleMhìcheil-MhicBhàtair
  • Cruinneachadh Dhòmhnaill MhicFhionghuin
  • Cruinneachadh Dhaibhidh Laing

Tha mòran de Chruinneachaidhean Sònraichte an Oilthigh ann an cruth didseatach agus rim faighinn air-loidhne bhon Ionad Ghoireasan sàr-mhath againn, sna deuchainn-lannan coimpiutaireachd agus ann an àiteachan obrach sònraichte ann an LLC.

Tha uidheamachd cànain agus fuaim-eòlas an oilthigh am measg a’ chuid as fheàrr san t-saoghal. Tha e a’ gabhail a-staigh: 

  • stiùidiothan clàraidh
  • deuchainn-lann mothalachd
  • deuchainn-lann tracadh shùilean 
Ionadan airson rannsachadh, teagasg agus com-pàirteachadh

Tro Bhuidheann Rannsachadh Algorithmic na Gàidhlig (GARG), sgioba eadar-nàiseanta a tha a’ rannsachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig, stiùirich sinn cruthachadh a’ chiad shiostam Aithneachaidh Cainnt Fèin-obrachadh san t-saoghal dhan Ghàidhlig.

Leugh an t-artaigeal againn air na tha Aithneachadh Cainnt Fèin-obrachail a’ ciallachadh do Ghàidhlig na h-Alba san àm ri teachd

Bidh sinn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Ghàidhlig nàiseanta, air a bheil an t-Àrd-ollamh Rob Dunbar na Bhall Bùird (2023 gu 2027). Tha Rob cuideachd na bhall air Comataidh nan Eòlaichean air Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan – an t-aon chùmhnant san t-saoghal a tha air a dhealbhadh gus cànanan roinneil is mion-chànanan a dhìon agus a bhrosnachadh agus gus leigeil le luchd-labhairt an cleachdadh an dà chuid ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach.


Slighean dreuchdail agus rannsachadh a bharrachd

Slighean dreuchdail

Sgilean agus eòlas

Tha ceumnachadh le ceum MA bho Oilthigh Dhùn Èideann a’ nochdadh tapachd, sùbailteachd agus neart inntleachdail.

Bidh na sgilean as urrainn dhut a thaisbeanadh do luchd-fastaidh a’ gabhail a-steach:

  • comas air prìomh bhun-bheachdan a thuigsinn, a mhion-sgrùdadh agus a chur an cèill
  • a bhith ag obair air diofar sheòrsaichean phròiseactan le cinn-latha
  • a bhith ag obair an dà chuid gu neo-eisimeileach agus mar phàirt de bhuidheann

Tha ceumnachadh ann an Ceiltis a’ sealltainn gu bheil tuigse adhartach agad air cultaran is sòisealtasan eile agus mar a tha iad a’ toirt cruth air an t-saoghal againn. Bheir seo dhut an comas eadar-chultarach anns a bheil fastaichean a’ cur luach gu h-eadar-nàiseanta.

Cothroman ionadail agus cruinneil

Mar thoradh air ruigsinneachd eadar-nàiseanta a tha a’ sìor fhàs, tha àireamhan cunbhalach de luchd-labhairt is luchd-amas dealasach ùra aig cànanan, litreachasan agus cultaran Ceilteach.

Ann an Alba, tha leasachaidhean mar Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, cruthachadh BBC Alba (an t-seirbheis telebhisean didseatach Gàidhlig), agus leudachadh leantainneach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air iarrtas a thogail airson luchd-labhairt Gàidhlig le deagh fhoghlam agus eòlaichean air cultar Ceilteach. Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann de dhaoine leis na teisteanan gus an lìonadh.

Tha fìor dheagh chothroman obrach taobh a-staigh nan roinnean a leanas:

  • foghlam, com-pàirteachadh, tagradh is trèanadh
  • naidheachdan, craoladh agus na meadhanan
  • poileataigs, obair poileasaidh, dioplòmasaidh, an t-seirbheis chatharra agus lagh
  • foillseachadh, cultar, dualchas agus na h-ealainean
  • teiripe cànan agus cainnt (le trèanadh a bharrachd)

Leugh an agallamh againn le Isla Parker, Oifigear Gàidhlig agus Dàimhean Coimhearsnachd an Oilthigh 

Bidh na sgilean daonnachd so-ghluasadach agad cuideachd gad chur ann am fìor dheagh shuidheachadh airson roinnean leithid:

  • gnìomhachas, ionmhas, malairt agus teicneòlas
  • conaltradh, margaidheachd, sanasachd agus dàimhean poblach
  • cur-seachad, turasachd agus siubhal
  • rannsachadh, leasachadh,  co-chomhairleachadh agus luathachadh iomairt 
  • eadar-theangachadh is eadar-mhìneachadh

Seirbheis Dhreuchdan

Tron ùine còmhla rinn, brosnaichidh sinn thu gus na sgilean cosnaidh agad aithneachadh agus a thoirt air adhart.

Tron t-Seirbheis Dhreuchdan an Oilthigh, faodaidh tu na leanas a dhèanamh:

  • faigh comhairle dhreuchdan sònraichte a tha freagarrach airson do chuid ionnsachaidh
  • coinneamhan aon-ri-aon agus agallamhan obrach mas-fhìor a chur air dòigh
  • cothrom fhaighinn air raon de ghoireasan air-loidhne
  • fèilltean dreuchd cuspaireil a fhrithealadh leithid an Fhèis Dhreuchdan Cruthachail is Cultarach
  • faigh cuideachadh le bhith a’ lorg obair fhad ’s a tha thu ag ionnsachadh agus airson timcheall air dà bhliadhna às dèidh dhut ceumnachadh

Tha Seirbheis nan Dreuchdan cuideachd na com-pàirtiche ann am Life After LLC, tachartas pannail far am faigh thu brosnachadh bho dhaoine a cheumnaich bho phrògraman ann an litreachsan, cànanan agus cultaran bho chionn ghoirid.

Faic làrach-lìn Seirbheis nan Dreuchdan

Rannsachadh a bharrachd

Tha na sgilean rannsachaidh leasaichte a thogas tu air prògram ceithir bliadhna, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad, nan stòras luachmhor ma tha thu airson leantainn air adhart ag ionnsachadh aig ìre iar-cheumnach.

Mar as trice ann an Oilthigh Dhùn Èideann bidh sinn a’ tabhann:

  • program Maighstireachd tro Rannsachadh ann Cànan na Beurla, agus ann an Ceiltis
  • prògram maighstireachd air a theagasg ann Cànan na Beurla agus ann Cànanachas Gnìomhaichte

Tha na ceuman maighstireachd againn uile, co-dhiù tha iad an ann air rannsachadh no air an teagasg, nan deagh bhunait airson PhD, ach tha e cuideachd luachmhor leis fhèin mar theisteanas. 


A’ dèanamh tagradh

Mar a nithear tagradh

Feumaidh tu làn iarrtas a chur a-steach tro UCAS (Seirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean - Universities and Colleges Admissions Service) ron cheann-latha iomchaidh.

Stiùireadh mu bhith a’ dèanamh iarrtas tro UCAS (ann am Beurla)

Na dh’fheumas tu gus iarrtas a dhèanamh

Mar phàirt den iarrtas agad, bidh feum agad air:

  • na teisteanasan acadaimigeach agad
  • aithris phearsanta
  • fianais air na sgilean Beurla agad (le teisteanasan iomchaidh)
  • reifreans

Mar a nì sinn taghadh

Ma tha thu air na feumalachdan inntrigidh againn a choileanadh, no ma thathar an dùil gun coilean thu iad ron cheann-latha iomchaidh, thèid an tagradh agad a chur a-steach dhan phròiseas taghaidh againn.

Mar phàirt den phròiseas taghaidh seo, nì sinn lèirmheas air an fhiosrachadh gu lèir a chuireas tu san tagradh UCAS agad nuair a cho-dhùineas sinn cò a thaghas sinn airson a’ phrògraim ceuma seo.

Mar a roghnaicheas sinn tagraichean (ann am Beurla)

Cuin a bu chòir dhut tagradh a dhèanamh

  • Ceann-latha inntrigidh UCAS 2026: 14 Faoilleach 2026 (6:00f GMT)

Is e seo an ceann-latha airson a h-uile tagraiche san RA, san AE agus airson a h-uile tagraiche eadar-nàiseanta airson prògraman nach eil ceangailte ri dotaireachd no lèigh-ainmhidhean.

Gus faighinn a-mach a bheil àiteachan bàna aig prògraman ceuma às dèidh a’ chinn-latha seo, coimhead airson Oilthigh Dhùn Èideann air làrach-lìn UCAS.

Rannsaich ceuman a tha fosgailte air làrach-lìn UCAS (ann am Beurla)

Prìomh chinn-latha agus cinn-amannan tagraidh (ann am Beurla)

Às dèidh dhut tagradh a dhèanamh

Às dèidh dhut tagradh a dhèanamh airson do phrògram ceuma, tha sinn a’ moladh gun toir thu sùil air an fhiosrachadh a leanas gus do chuideachadh le bhith ag ullachadh airson an oilthigh (ann am Beurla):

A’ dèanamh iarrtas mar oileanach eadar-nàiseanta

Mar oileanach eadar-nàiseanta, bidh thu a’ dèanamh iarrtas airson a’ phrògraim ceuma seo tro UCAS. 

Faigh barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ dèanamh iarrtas tro UCAS (ann am Beurla)

Bhìosathan agus in-imrich

Mura h-eil còir agad a bhith a’ fuireach san RA, bidh agad ri tagradh a dhèanamh airson bhìosa Oileanaich agus sin fhaighinn ro cheann-latha tòiseachaidh do phrògraim ceuma. 

Faodaidh Seirbheis In-imrich nan Oileanach againn do chuideachadh le pròiseas tagraidh bhìosa nan Oileanach.

A’ cur a-steach airson bhìosa (ann am Beurla)

Àidseantan 

’S e a th’ ann an àidseant foghlaim ach cuideigin a chuidicheas tu leis a’ phròiseas tagraidh mar oileanach eadar-nàiseanta.

Bidh sinn ag obair le àidseantan foghlaim air feadh an t-saoghail agus tha liosta againn de dh’oifisean ionadail dham faod thu fios a chur. 

Faigh fiosrachadh conaltraidh airson àidseant foghlaim (ann am Beurla)


Beatha ann an Dùn Èideann

Na tha na h-oileanaich againn ag ràdh

Saoilidh mi gur e an rud a tha cho sònraichte mu Dhùn Èideann gu bheil uimhir ri dhèanamh ge b’ e dè na rudan anns a bheil ùidh agad! Co-dhiù tha e a’ còrdadh riut a bhith a’ coiseachd, a’ gabhail fois ann an cafaidh, a’ dol a-mach gu sòisealta le caraidean, no rud sam bith eile, cha teirig na roghainnean dhut gu bràth an seo.

- Minju Kim, Ceumanaiche LLC (2024)

Anns a’ bhliadhna mu dheireadh aice mar oileanach ann an Dùn Èideann, bha Minju na Riochdaire Fo-cheum airson Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran. Còmhla ri Riochdairean Prògraim, tha Riochdairean Fo-cheumnach a’ toirt dhut guth san oilthigh - a’ toirt seachad do bheachdan gus saoghal nan oileanach a leasachadh dhan a h-uile duine. Bidh na dreuchdan aca a’ faighinn taic bho Chomann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA). 

Àiteachan-còmhnaidh

Tha sinn a’ gealltainn gun tèid àite-fuirich an Oilthigh a thabhann do gach oileanach fo-cheum singilte ùr bho thaobh a-muigh Dhùn Èideann. Airson a bhith ion-roghnach, feumaidh tu na slatan-tomhais gu lèir a choileanadh agus iarrtas a dhèanamh airson àite-còmhnaidh ro 16 Lùnastal sa bhliadhna sam bi thu a’ tòiseachadh san Oilthigh.

Làrach-lìn àiteachan-còmhnaidh an oilthigh

Slatan-tomhais airson gealltanas àite-fuirich

Nam b’ fheàrr leat fuireach ann an àite eile, is urrainn dhuinn comhairle a thoirt dhut mu bhith a’ lorg àite-còmhnaidh ann an Dùn Èideann.

Fiosrachadh mu àiteachan-còmhnaidh fuirich bho an Ionad Comhairleachaidh

Comainn agus clubaichean

Tha Comann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA) a’ cumail taic ri còrr is 300 comann is cluba a tha air an stiùireadh le oileanaich, agus bidh e a’ brosnachadh chothroman le carthannasan ionadail tro ionad nan saor-thoileach aige. 

’S e an Comunn Ceilteach an comann oileanaich as sine san Oilthigh agus bidh e a’ cur a’ chèilidh bhliadhnail as motha sa bhaile air dòigh. Is e "LingSoc" Comann a’ Chànanachais is na Beurla.

Tha sinn dealasach mu cheòl, litreachas, òrain agus sgeulachdan, agus bidh sinn gu tric a’ cumail thachartasan airson luchd-obrach, oileanaich agus aoighean a bhios a’ tighinn gus bruidhinn, cluich no gus rannsachadh a thaisbeanadh. 

Tha Neach-ealain Traidiseanta agus Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas againn, neach-ciùil agus sgrìobhadair a bhios ag obair còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich air diofar phròiseactan agus thaisbeanaidhean.

Comainn

Clubaichean spòrs 

Cathair-bhaile Dhùn Èideann

Tha Dùn Èideann na phrìomh bhaile fèise aig ìre an t-saoghail a tha làn de thaighean-dhealbh, taighean-cluiche, gailearaidhean, leabharlannan agus cruinneachaidhean. Tha na goireasan sa bhaile a tha feumail airson cùrsaichean Ceiltis agus Cànan na Beurla air leth.

Tha mòran chruinneachaidhean nàiseanta suidhichte faisg air sgìre mheadhanach an Oilthigh, ga dhèanamh furasta a dhol ann eadar clasaichean. Am measg nam prìomh àiteachan, tha:

  • Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
  • Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba
  • Leabharlann Bàrdachd na h-Alba
  • Ionad Sgeulachdan na h-Alba

Tha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail anns a’ bhaile. Mar eisimpleir, tha buidhnean còmhraidh ann gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta, fèisean do luchd-ciùil, agus fèis bhliadhnail, Seachdain na Gàidhlig.

Faigh barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ fuireach an Dùn Èideann

Taic a thaobh slàinte agus sunnd

Bidh cothrom agad air seirbheisean slàinte is sunnd an-asgaidh fad ’s a bhios tu aig an oilthigh ma tha feum agad orra.

Am measg nan seirbheisean taice a tha sinn a’ toirt seachad tha:

  • seirbheis comhairleachaidh nan oileanach
  • ionad-slàinte (ionad-dotair)
  • taic ma tha thu a’ fuireach ann an àite-còmhnaidh an Oilthigh 
  • cuideachadh agus taic shònraichte ma tha ciorram ort no ma tha feum agad air atharrachaidhean mar thoradh air seo

Taic a thaobh slàinte agus sunnd (ann am Beurla)


Conaltradh agus tachartasan

Cuir fios thugainn

Cuir fios thugainn tro sgioba nan ceist againn ma tha ceist sam bith agad mun phrògram seo.

Lean sinn air na meadhanan sòisealta

Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran

Làithean fosgailte, tachartasan agus tursan

Faigh a-mach cuin a bhios na h-ath làithean fosgailte againn a’ tachairt.

Prògraman ceuma co-cheangailte