MA Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileanta)

Bidh am prògram ceuma seo do luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig gad ullachadh airson a bhith a’ teagasg curraicealam na ro-sgoile agus na bun-sgoile ann an Gàidhlig agus Beurla. Bidh thu ag ionnsachadh Foghlam Bun-sgoile agus Gàidhlig agus a’ crìochnachadh phreisean-sgoile.

Íre: Fo-cheumnach

Cuspair: Ceiltis

Bliadhna inntrigidh: 2027

Prìomh-fhiosrachadh

Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran; Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh

Colaiste: Ealain, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta

Còd UCAS: 3T59Duais: MA (Urram)Faid: 4 bliadhna
Lìbhrigeadh: Làn-ùine
Àite sgrùdaidh: Prìomh Àrainn an Oilthigh; Campus Holyrood
Mìos tòiseachaidh: An t-Sultain 2027
Ionnsachadh thall thairis: Chan eil seo ri fhaighinn
A bheil barantachadh: Tha Grèis-gnìomhachas ann: Riatanach

Tar-shealladh

Mun phrògram ceuma

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas, fèin-aithne nàiseanta agus beatha chultarach na h-Alba. Mar chànan oifigeil ann an Alba, tha a’ Ghàidhlig a’ toirt buaidh agus cumadh air Litreachas, ceòl, ealain, film is Tbh, fèisean agus, gu dearbh, foghlam na h-Alba.

Ionnsaich còmhla ruinn, agus bidh thu nad phàirt de thraidisean cliùiteach de dh’fhoghlam thidsearan a tha cha mhòr 200 bliadhna a dh’aois.  

Chaidh ar MA (le Urram) ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Luchd-labhairt Fileantach) a leasachadh gus dèiligeadh ris a’ ghainnead nàiseanta de thidsearan Gàidhli agus gus cur ri comas proifeasanta an luchd-teagaisg foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san àm ri teachd.

Ro dheireadh a’ phrògraim 4-bliadhna, bidh thu a’ coinneachadh ris an fheum air tidsearan Gàidhlig ann an Alba, a’ dèanamh cinnteach à comas dreuchdail agus àm ri teachd seasmhach na Gàidhlig ann an Alba.

’S e prògram ùr-ghnàthach a th’ anns a’ cheum againn, a tha air a lìbhrigeadh an co-bhonn eadar Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh (MHSES) agus Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC).

Dè cho fada ’s a bheir e gus am prògram ceuma seo a chrìochnachadh

’S e prògram 4 bliadhna a tha seo.

Ann am Bliadhna 4, faodaidh tu cùrsa roghainneil a thaghadh a rèir do chuid ùidhean.

Rangachadh a’ phrògraim

  • 1d àite san RA airson Foghlam (Stiùireadh Oilthigh Math an Times agus an Sunday Times 2026)
  • Am measg an 20 as fheàrr san t-saoghal airson Foghlam is Trèanadh (Rangachadh Oilthighean na Cruinne QS 2025)

Sochairean a’ phrògraim

  • Dèan greis-gnìomhachais fad bliadhna ann am bun-sgoil Ghàidhlig, roghainn a tha ri fhaighinn ann an Oilthigh Dhùn Èideann a-mhàin
  • Ceumnaich le teisteanas a tha a’ toirt coimeas dhut teagasg ann an Gàidhlig no Beurla
  • Ionnsaich cùrsaichean sònraichte air dà-chànanachas agus foghlam bogaidh, le fòcas air a’ Ghàidhlig agus Alba 

Tha e cho buannachdail a bhith nam thidsear, ach tha e air cothroman eile fhosgladh dhomh cuideachd, leithid a bhith ag obair ann am measadh agus teagasg. Tha mi a’ faireachdainn fortanach gun do dh’fhosgail mo chuid ionnsachaidh uimhir de dhorsan agus gun tug iad dreuchd thlachdmhor dhomh.


Riatanasan inntrigidh


Cìsean is maoineachadh

Cìsean teagaisg

Thoir sùil air na cìsean teagaisg airson aon bhliadhna acadaimigeach den phrògram seo.

Cìsean teagaisg airson a’ phrògraim seo (ann am Beurla)

Cosgaisean a bharrachd

Feumaidh gach tagraiche soirbheachail gabhail ann an sgeama Dìon Buidhnean So-leònte na h-Alba (Protecting Vulnerable Groups  - PVG) le Oilthigh Dhùn Èideann mar a’ Bhuidheann Chlàraichte.  

Feumaidh tu na cosgaisean a phàigheadh airson a bhith a’ gabhail anns an sgeama PVG, a tha eadar £18 agus £59 aig an àm seo.

Bliadhnaichean 1 agus 2: Greis-gnìomhachais sgoile

  • 10 latha de ghreis-gnìomhachais sgoile thar gach bliadhna
  • Cosgais iomlan tuairmseach: £0 gu £44 sa bhliadhna

Tha sinn an dùil gun tèid sgoilearan a chur ann an sgoil ann an Dùn Èideann a bhios ruigsinneach air chois, air baidhsagal no air a’ bhus. Far a bheil sin comasach, bu chòir dhut tagradh a dhèanamh airson pas trèana is/no bus gus cosgais siubhail a lùghdachadh.

  • Tha an t-suim as ìsle a’ gabhail ris gu bheil thu airidh air siubhal bus an-asgaidh (ma tha thu fo aois 22)
  • Tha an t-suim as àirde a’ gabhail ris gu bheil thu a’ siubhal air a’ bhus agus nach eil thu airidh air siubhal bus an-asgaidh

Thathar an dùil gun cleachd thu an dòigh còmhdhail as saoire a tha ri fhaighinn gus a dhol dhan sgoil agad.

Faodaidh tu suas ri 75% de chosgaisean siubhail greis-gnìomhachais iarraidh air ais a tha nas àirde na a’ chosgais àbhaisteach airson siubhal bhon t-seòladh agad rè na teirm gu Taigh Mhoireibh.

  • Ma roghnaicheas tu do chàr a chleachdadh ach gum biodh e air a bhith comasach siubhal air bus no trèana agus nam biodh seo air a bhith nas saoire, cha tèid ach an t-suim as ìsle a phàigheadh air ais dhut.
  • Ma cheannaich thu tiogaidean singilte airson gach turas nuair a bha pas mìosail no seachdaineil ri fhaighinn, cha phàigh an Oilthigh air ais ach an co-ionann ris an roghainn as saoire. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus gun do chosg thu £88 air tiogaidean bus airson greis-gnìomhachais 4 seachdainean ann an Dùn Èideann (2 x £2.20 gach latha airson 4 seachdainean) cha gheibh thu ach £46.88 air ais oir cosgaidh pas bus oileanach 4 seachdainean £62.50 agus bheir sinne air ais 75% den chosgais.

Chan fheum thu feitheamh gus an tig crìoch air an ùine agad gus na tagraidhean a chuir a-steach. Tha ceithir puingean tagraidh ann sa bhliadhna:

  • Saor-làithean leth-theirm an Dàmhair
  • deireadh teirm na Nollaige
  • deireadh teirm na Càisge
  • deireadh bliadhna na sgoile

Bliadhna 3: Greis-gnìomhachais sgoile

Thèid do chur ann an dreuchd taobh a-staigh 90 mionaid bho sheòlaidhean dachaigh no rè na teirm a tha air an roinn leis an aonad cur-an-dreuchd.

Cosgais do oileanach a tha air a chur ann an Dùn Èideann le àite-fuirich rè na teirm: £0 gu £530.

  • Tha an t-suim as ìsle a’ gabhail ris gu bheil thu airidh air siubhal bus an-asgaidh (ma tha thu fo aois 22)
  • Tha an t-suim as àirde a’ gabhail ris gu bheil thu a’ siubhal air a’ bhus agus nach eil thu airidh air siubhal bus an-asgaidh

Faodaidh tu suas ri 75% de chosgaisean siubhail greis-gnìomhachais iarraidh air ais a tha nas àirde na a’ chosgais àbhaisteach airson siubhal bhon t-seòladh agad rè na teirm gu Taigh Mhoireibh. Tha ceithir puingean tagraidh ann sa bhliadhna:

  • Saor-làithean leth-theirm an Dàmhair
  • deireadh teirm na Nollaige
  • deireadh teirm na Càisge
  • deireadh bliadhna na sgoile

Àite-còmhnaidh agus cosgaisean bith-beò

Feumaidh tu do chosgaisean àite-còmhnaidh agus bith-beò a phàigheadh tron phrògram agad air fad.

Tha sinn a’ meas gun cosgadh aon oileanach eadar £1,023 agus £2,043 gach mìos air cosgaisean bith-beò aig a char as motha, a rèir far a bheil iad a’ fuireach.

Tha an tuairmse seo a’ gabhail a-steach:

  • cuid-oidhche
  • biadh
  • bilean ghoireasan
  • siubhal taobh a-staigh Dhùn Èideann
  • cosgaisean slàinte is sunnd

Faic fios nas mionaidiche de chosgaisean bith-beò (ann am Beurla)

Sgoilearachdan agus maoineachadh

Fiosrachadh maoineachaidh

Gheibh thu fiosrachadh mionaideach mun taic ionmhais a tha ri faighinn, stèidhichte air far a bheil thu a’ fuireach, anns an earrainn maoineachaidh againn.

Maoineachadh (ann am Beurla)

Maoineachadh ri fhaighinn

Tabhartasan foghlaim Bòrd na Gàidhlig

Tha tabhartasan foghlaim Gàidhlig rim faighinn dhaibhsan a tha a’ trèanadh airson dreuchd ann an teagasg Gàidhlig no ionnsachadh tràth is cùram-chloinne Gàidhlig a dh’fheumas taic ionmhais a bharrachd gus an cùrsa aca a chrìochnachadh.

Faodaidh tu taic iarraidh:

  • airson cìsean cùrsa (mura h-eil thu airidh air taic fhaighinn bho SAAS)
  • airson cosgaisean siubhail co-cheangailte ri do ghreis-gnìomhachais teagaisg
  • airson tabhartas cosgais-bith-beò ma tha thu a’ faighinn Pàigheadh Neach-cùraim no Pàigheadh Cosnaidh is Taic (ESA) no ma tha eòlas agad air cùram
  • ma tha thu no ma bha thu fo chùram (leis an ùghdarras ionadail) fhad ’s a bha thu fo aois 18
  • airson adhbhar eile, far am faod thu dearbhadh gu bheil feum air taic ionmhais agus nach eil i ri fhaighinn bho SAAS no stòr maoineachaidh eile

Faigh barrachd fiosrachaidh mun taic ionmhais a dh’fhaodadh tu cur a-steach air a shon air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig:

Tabhartasan foghlaim Bòrd na Gàidhlig


Mion-fhiosrachadh mun phrògram

Na bhios tu ag ionnsachadh


Ann am Bliadhna 1, nì thu:

  • eòlas foghlam bun-sgoile
  • eòlas foghlaim
  • Gàidhlig

Tha cùrsaichean foghlam na bun-sgoile a’ gabhail a-steach greisean gnìomhachais ann an sgoiltean.


Ann am Bliadhna 2, nì thu:

  • eòlas foghlam bun-sgoile
  • eòlas foghlaim
  • Gàidhlig
  • Cànanachas agus a’ Ghàidhlig
  • Matamataig ann am Foghlam Bun-sgoile 

Tha cùrsaichean foghlam na bun-sgoile a’ gabhail a-steach greisean gnìomhachais ann an sgoiltean.


Ann am Bliadhna 3:

  • Nì thu greis gnìomhachais fad bliadhna ann am bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig.
  • Gheibh thu eòlas air measgachadh de dh’ìrean sgoile agus obrachaidh tu gus na sgilean agus comasan proifeiseanta a thogail a tha a dhìth airson a bhith air do chlàradh le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba.
  • Nì thu cùrsaichean ann an eòlas foghlam na bun-sgoile agus eòlas foghlaim (le fòcas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig) tron bhliadhna, a’ tighinn air ais dhan oilthigh airson clasaichean air seachdainean sònraichte.

Ann am bliadhna a 4, nì thu:

  • eòlas foghlam na bun-sgoile
  • eòlas foghlaim, a’ gabhail a-steach tràchdas
  • Teòirig agus Oide-eòlas ann am Foghlam Bogaidh is Dà-chànanach
  • Taic a Bharrachd airson Ionnsachadh

Tha cùrsaichean foghlam na bun-sgoile a’ gabhail a-steach greisean gnìomhachais ann an sgoiltean.

Cùrsaichean roghainneil

Taghaidh tu cùrsa roghainneil bho na cùrsaichean a tha rim faighinn ann an Sgoil an Fhoghlaim.


Structar a' phrògraim

Bidh na cùrsaichean as urrainn dhut dèanamh eadar-dhealaichte bho bhliadhna gu bliadhna agus dh’fhaodadh iad a bhith eadar-dhealaichte airson na bliadhna inntrigidh agad. 

Is urrainn dhut faighinn a-mach na cùrsaichean a dh’fhaodadh tu dèanamh le bhith a’ coimhead air an fhiosrachadh cùrsa as ùire airson a’ phrògraim seo. 

Structar a' phrògraim (2025/26) [anns a' Bheurla]

Cothroman obrach

Mar as trice, bidh ceumnaichean MA (le Urram) Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich) a’ teagasg ann am bun-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig no na Beurla.

Faodar an fheadhainn a tha airson cuir ris an eòlas aca air teagasg agus ionnsachadh, no a tha airson dleastanasan stiùiridh fhaighinn, bharrachd theisteanasan fhaighinn tro chùrsaichean iar-cheumnach.

Ionnsachadh is measadh

Ionnsachadh

Thèid do theagasg tro mheasgachadh de:

  • òraidean
  • clasaichean
  • bùithtean-obrach
  • obair neo- eisimeileach ann am buidhnean beaga
  • tro bhith a’ cleachdadh ionnsachadh-d agus àrainneachdan ionnsachaidh tro mhas-fhìorachd

Bheir clasaichean cànain an Gàidhlig cothrom dhut na sgilean cànain agad a thoirt air adhart ann an raon de ghnìomhan san t-saoghal dha-rìribh fo stiùir tidsear cànain sgileil.

Mar as trice bidh na clasaichean seo a’ gabhail a-steach sgilean leithid leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt – agus iad uile a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh gràmar agus ga chur gu feum.

Measadh

Thèid do mheasadh le farsaingeachd de dhòighean a' gabhail a-steach:

  • deuchainnean
  • aistean
  • portfoliothan
  • taisbeanaidhean

Thèid do mheasadh le luchd-obrach sgoile agus le oidean oilthighe nuair a bhios tu air greisean-teagaisg.

Diluain
  • Feasgar: Òraid Sgrùdaidhean Bun-sgoile
Dimàirt
  • Madainn: Òraid Sgrùdaidhean Foghlaim 
Diciadain
  • Madainn: Bùth-obrach Sgrùdaidhean Bun-sgoile
Dihaoine
  • Madainn: Òraid agus Bùth-obrach Sgrùdaidhean Foghlaim

Taic airson do chuid ionnsachaidh

Bidh cothrom agad air farsaingeachd de sheirbheisean taice ma tha feum agad orra tron cheum agad. 

Sònraichidh sinn comhairliche sgoile dhut, agus bu chòir gur e seo a’ chiad neach air an cuir thu fios ma tha cuideachadh a dhìth ort. Is urrainn dhaibh do threòrachadh gu sgiobaidhean seirbheis eile san Oilthigh a rèir na seòrsa taic a tha a dhìth ort. 

Far am bi thu ag ionnsachadh

Àite sgrùdaidh

Gheibh thu buannachd bho bhith ag ionnsachadh ann an dà dhiofar sgoil ann an Oilthigh Dhùn Èideann. 

  • Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh (MHSES)
  • Sgoil Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC)

Nuair a bhios tu san àrainn, cuiridh tu a’ mhòr-chuid den ùine agad seachad ann am Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh - sa chlas, san leabharlann, no ann am fear den iomadh àite sòisealta is taic aig an Oilthigh.

Thairis air a’ chiad dà bhliadhna den phrògram, nì thu ionnsachadh cànain ann an roinn Ceiltis is Eòlas na h-Alba ann an LLC agus bidh thu stèidhichte aig MHSES airson do chuid chùrsaichean Foghlaim. Bheir seo cothrom a bhith a’ togail bunait làidir bhon urrainn dhut gluasad adhart gus do ghreis-gnìomhachais sgoile agus do na bliadhnaichean urraim agad.

Litreachasan, Cànanan is Cultaran

Tha Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) faisg air Prìomh Leabharlann an Oilthigh ann am Meadhan Àrainn an Oilthigh. 

Tha a’ Ghàidhlig stèidhichte ann an roinn Ceiltis is Eòlas na h-Alba san Sgoil. A bharrachd air tidsearan cànain agus luchd-rannsachaidh sa Ghàidhlig, gheibh thu taic bho eòlas an Neach-ealain Traidiseanta agus Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas againn. ’S ann a tha iad nan neach-ciùil agus sgrìobhadair a bhios ag obair còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich air diofar phròiseactan agus thaisbeanaidhean. 

Tro Bhuidheann Rannsachadh Algorithmic na Gàidhlig (GARG), tha sgioba eadar-nàiseanta aig LLC a tha a’ rannsachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig, stiùirich an sgoil cruthachadh a’ chiad shiostam Aithneachaidh Cainnt Fèin-obrachadh san t-saoghal dhan Ghàidhlig.

Bidh an sgoil ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Ghàidhlig nàiseanta, air a bheil an t-Àrd-ollamh Rob Dunbar na Bhall Bùird (2023 gu 2027). Tha Rob cuideachd na bhall air Comataidh nan Eòlaichean air Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan – an t-aon chùmhnant san t-saoghal a tha air a dhealbhadh gus cànanan roinneil is mion-chànanan a dhìon agus a bhrosnachadh agus gus leigeil le luchd-labhairt an cleachdadh an dà chuid ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach.

Goireasan acadaimigeach

Tha na goireasan againn airson na Ceiltis gan cumail ann an trì làraichean timcheall air Ceàrnag Sheòrais ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh:

  • Prìomh Leabharlann an Oilthigh agus a Ionad airson Cruinneachaidhean Rannsachaidh
  • Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Leabharlann Clas na Ceiltis aice
  • Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Leabharlann Eòlas na h-Alba aice

Lorgaidh tu na leanas anns na làraichean seo:

  • còrr is 400,000 leabhar tearc
  • sia cilemeatair de thasglannan agus làmh-sgrìobhainnean
  • 33,000 clàraidhean de dh’òrain, de cheòl, de sgeulachdan agus de rannan ann an Scots, Gàidhlig is Beurla, san Tasglann a bharrachd air clàraidhean ann an dualchainntean a tha a-nis air a dhol à bith
  • na mìltean de dh’obraichean ealain, ionnsramaidean ciùil eachdraidheil agus nithean eile
  • mìltean de dhealbhan agus sgrìobhainnean eachdraidheil nach fhaicear gu tric a ghlacas taobhan sònraichte is làitheil de chultar is dualchas na h-Alba

Am measg prìomh ghioreasan airson na Ceiltis, tha:

  • Cruinneachadh MacGilleMhìcheil-MhicBhàtair
  • Cruinneachadh Dhòmhnaill MhicFhionghuin
  • Cruinneachadh Dhaibhidh Laing

Slighean dreuchdail agus rannsachadh a bharrachd

Barantachadh

Tha MA (le Urram) ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (fileantaich) air a bharantachadh le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS).

Air dhaibh ceumnachadh, faodaidh gach oileanach às an RA agus às an Aonadh Eòrpach clàradh le GTCS mar luchd-teagaisg a tha air teisteanachadh gu sealadach agus tha e barantaichte gum faigh iad dreuchd fad bliadhna ann an sgoil Albannach.

Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba

Slighean dreuchdail

Mar as trice, bidh ceumnaichean an phrògram seo a’ teagasg ann am bun-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig no na Beurla.

Tha cuid de cheumnaichean air a dhol air adhart gu bhith a’ teagasg gu h-eadar-nàiseanta mar phàirt den t-slighe obrach aca, às dèidh dhaibh làn chlàradh fhaighinn. 

Tha mi moiteil às mar a tha na sgilean a fhuair mi rè mo chuid ionnsachaidh air leigeil leam teagasg air feadh an t-saoghail. Thug ionnsachadh mu dhà-chànachas bunait làidir dhomh airson teagasg ann an àiteachan mar Coirea agus Taiwan, agus b’ e eòlasan iongantach a bh’ annta.

Seirbheis nan Dreuchdan

Cuidichidh Seirbheis nan Dreuchdan againn thu gus do chomas agus do chuid amasan airson an àm ri teachd a choileanadh.  

Cumaidh Seirbheis nan Dreuchdan taic riut chan ann a-mhàin fhad ’s a tha thu a’ dèanamh cùrsa san Oilthigh, ach cuideachd airson suas ri dà bhliadhna às dèidh dhut do chuid ionnsachaidh a chrìochnachadh.  

Tron t-seirbheis dhreuchdan againn faodaidh tu:  

  • cothrom fhaighinn air goireasan didseatach gus do chuideachadh le bhith a’ tuigsinn do sgilean agus neartan
  • feuchainn air diofar sheòrsaichean obrach agus smaoineachadh air ciamar agus dè a leasaicheas tu
  • cuideachadh fhaighinn le bhith a’ lorg obair, a’ gabhail a-steach obraichean pàirt-ùine, obair saor-làithean, inntearnasan agus obraichean ceumnaiche
  • a dhol gu tachartasan dreuchdan agus agallamhan obrach mas-fhìor
  • fiosrachadh agus comhairle fhaighinn gus do chuideachadh le bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean fiosraichte  

Rannsachadh a bharrachd

Faodar an fheadhainn a tha airson cuir ris an eòlas aca air teagasg agus ionnsachadh, no a tha airson dleastanasan stiùiridh fhaighinn, bharrachd theisteanasan fhaighinn tro chùrsaichean iar-cheumnach.

Pròifilean cheumnaichean

O chionn ghoirid, tha mi air a bhith nam Phrìomh Thidsear Gàidhlig ann an sgoil ann am Pàislig, agus tha mi moiteil asam fhìn airson sin. Tha e gu math dùbhlanach aig amannan ach tha e cuideachd air leth buannachdail.


A’ dèanamh tagradh

Mar a nithear tagradh

Feumaidh tu làn iarrtas a chur a-steach tro UCAS (Seirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean - Universities and Colleges Admissions Service) ron cheann-latha iomchaidh.

Stiùireadh mu bhith a’ dèanamh iarrtas tro UCAS (ann am Beurla)

Na dh’fheumas tu gus iarrtas a dhèanamh

Mar phàirt den iarrtas agad, bidh feum agad air:

  • na teisteanasan acadaimigeach agad
  • aithris phearsanta
  • fianais air na sgilean Beurla agad (le teisteanasan iomchaidh)
  • reifreans

Mar a nì sinn taghadh

Ma tha thu air na feumalachdan inntrigidh againn a choileanadh, no ma thathar an dùil gun coilean thu iad ron cheann-latha iomchaidh, thèid an tagradh agad a chur a-steach dhan phròiseas taghaidh againn.

Mar phàirt den phròiseas taghaidh seo, nì sinn lèirmheas air an fhiosrachadh gu lèir a chuireas tu san tagradh UCAS agad nuair a cho-dhùineas sinn cò a thaghas sinn airson a’ phrògraim ceuma seo.

Mar a roghnaicheas sinn tagraichean (ann am Beurla)

Cuin a bu chòir dhut tagradh a dhèanamh

  • Ceann-latha inntrigidh UCAS 2027: 13 Faoilleach 2027 (6:00f GMT)

Is e seo an ceann-latha airson a h-uile tagraiche san RA, san AE agus airson a h-uile tagraiche eadar-nàiseanta airson prògraman nach eil ceangailte ri dotaireachd no lèigh-ainmhidhean.

Gus faighinn a-mach a bheil àiteachan bàna aig prògraman ceuma às dèidh a’ chinn-latha seo, coimhead airson Oilthigh Dhùn Èideann air làrach-lìn UCAS.

Rannsaich ceuman a tha fosgailte air làrach-lìn UCAS (ann am Beurla)

Prìomh chinn-latha agus cinn-amannan tagraidh (ann am Beurla)

Às dèidh dhut tagradh a dhèanamh

Às dèidh dhut tagradh a dhèanamh airson do phrògram ceuma, tha sinn a’ moladh gun toir thu sùil air an fhiosrachadh a leanas gus do chuideachadh le bhith ag ullachadh airson an oilthigh (ann am Beurla):

A’ dèanamh iarrtas mar oileanach eadar-nàiseanta

Mar oileanach eadar-nàiseanta, bidh thu a’ dèanamh iarrtas airson a’ phrògraim ceuma seo tro UCAS. 

Faigh barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ dèanamh iarrtas tro UCAS (ann am Beurla)

Bhìosathan agus in-imrich

Mura h-eil còir agad a bhith a’ fuireach san RA, bidh agad ri tagradh a dhèanamh airson bhìosa Oileanaich agus sin fhaighinn ro cheann-latha tòiseachaidh do phrògraim ceuma. 

Faodaidh Seirbheis In-imrich nan Oileanach againn do chuideachadh le pròiseas tagraidh bhìosa nan Oileanach.

A’ cur a-steach airson bhìosa (ann am Beurla)

Àidseantan 

’S e a th’ ann an àidseant foghlaim ach cuideigin a chuidicheas tu leis a’ phròiseas tagraidh mar oileanach eadar-nàiseanta.

Bidh sinn ag obair le àidseantan foghlaim air feadh an t-saoghail agus tha liosta againn de dh’oifisean ionadail dham faod thu fios a chur. 

Faigh fiosrachadh conaltraidh airson àidseant foghlaim (ann am Beurla)

Gabh anns an sgeama PVG (a’ Dìon Buidhnean So-leònte) airson sgrùdadh eachdraidh beatha

Ma bheir sinn tairgse dhut, feumaidh tu gabhail anns an sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònte (PVG) aig Sgrùdadh Alba mus tòisich thu air a’ phrògram ceuma seo.

Cuiridh sinn fiosrachadh thugad air mar a ghabhas tu anns an sgeama PVG.

Fiosrachadh mu sgeama PVG air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba (ann am Beurla)

Ma tha thu a’ fuireach taobh a-muigh na RA

Ma tha thu a’ fuireach taobh a-muigh na RA, no ma tha thu air còrr air bliadhna a thoirt seachad a’ fuireach taobh a-muigh na RA, feumaidh tu dearbhadh a thoirt seachad bhon ùghdarras nàiseanta iomchaidh.

Ma tha dìteadh eucorach agad

Ma dh’innseas tu gu bheil dìteadh eucorach agad, chan iarr sinn barrachd fiosrachaidh gus am beachdaich sinn air an iarrtas agad agus gus an co-dhùin sinn a bheil thu airidh air tairgse.


Beatha ann an Dùn Èideann

Àiteachan-còmhnaidh

Tha sinn a’ gealltainn gun tèid àite-fuirich an Oilthigh a thabhann do gach oileanach fo-cheum singilte ùr bho thaobh a-muigh Dhùn Èideann. Airson a bhith ion-roghnach, feumaidh tu na slatan-tomhais gu lèir a choileanadh agus iarrtas a dhèanamh airson àite-còmhnaidh ro 16 Lùnastal sa bhliadhna sam bi thu a’ tòiseachadh san Oilthigh.

Làrach-lìn àiteachan-còmhnaidh an oilthigh

Slatan-tomhais airson gealltanas àite-fuirich

Nam b’ fheàrr leat fuireach ann an àite eile, is urrainn dhuinn comhairle a thoirt dhut mu bhith a’ lorg àite-còmhnaidh ann an Dùn Èideann.

Fiosrachadh mu àiteachan-còmhnaidh fuirich bho an Ionad Comhairleachaidh

Comainn agus clubaichean

Cuidichidh na comainn agus na clubaichean spòrs againn thu gus na h-ùidhean agad a thoirt air adhart, gus coinneachadh ri daoine aig a bheil ùidh san aon seòrsa rud, cur-seachad ùr a lorg no dìreach a bhith a’ coinneachadh ri daoine gu sòisealta. 

Comainn

Clubaichean spòrs

Cathair-bhaile Dhùn Èideann

Tha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail anns a’ bhaile. Mar eisimpleir, tha:

  • buidhnean còmhraidh ann gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta
  • fèisean do luchd-ciùil
  • fèis bhliadhnail, Seachdain na Gàidhlig

Bidh an t-oifigear Gàidhlig againn ann an Oilthigh Dhùn Èideann a’ cumail tòrr thachartasan coimhearsnachd gus taic a thoirt dhan chànan is cultar air feadh an Oilthigh, ag obair ann an com-pàirt le Stiùiriche na Buidhne Acadamigich againn gus coimhearsnachd Ghàidhlig mhath a thogail air a’ phrògram againn. 

Faigh tuilleadh a-mach mu Ghàidhlig ann an Oilthigh Dhùn Èideann bho Teagasg aig ODÈ air na meadhanan sòisealta:

Taic a thaobh slàinte agus sunnd

Bidh cothrom agad air seirbheisean slàinte is sunnd an-asgaidh fad ’s a bhios tu aig an oilthigh ma tha feum agad orra.

Am measg nan seirbheisean taice a tha sinn a’ toirt seachad tha:

  • seirbheis comhairleachaidh nan oileanach
  • ionad-slàinte (ionad-dotair)
  • taic ma tha thu a’ fuireach ann an àite-còmhnaidh an Oilthigh 
  • cuideachadh agus taic shònraichte ma tha ciorram ort no ma tha feum agad air atharrachaidhean mar thoradh air seo

Taic a thaobh slàinte agus sunnd (ann am Beurla)


Conaltradh agus tachartasan

Cuir fios thugainn

Cuir fios thugainn tro sgioba nan ceist againn ma tha ceist sam bith agad mun phrògram seo.

Lean sinn air na meadhanan sòisealta

Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh

Làithean fosgailte, tachartasan agus tursan

Faigh a-mach cuin a bhios na h-ath làithean fosgailte againn a’ tachairt

Prògraman ceuma co-cheangailte